Layla 2024

Sport For Life 24: Campa Samhraidh Spòrs Ciorraim Alba

Tha buaidh fad-beatha aig luchd-obrach is saor-thoilich aig Campa Samhraidh air daoine òga agus an teaghlaichean.

Tha daoine òga eadar 10 agus 17 bliadhna a dh’aois le ciorram corporra, cion fradhairc no cion claisneachd, a’ cur eòlas air buannachdan gnìomhachd chorporra is sòisealta aig Campa Samhraidh bliadhnail Spòrs Ciorraim Alba (SDS).
 
Tha an cùrsa còmhnaidheach trì-latha aig Ionad A-Muigh Bad a’ Ghiuthais san Aghaidh Mhòir, a’ cur fàilte air 30-40 neach òg gach bliadhna agus a’ toirt buaidh mhòr air na com-pàirtichean, na stiùirichean òga, pàrantan, luchd-cùraim, agus teaghlaichean. 

Tha Mark Gaffney, a bha na Mhanaidsear Chothroman is Thachartasan aig SDS, ach a-nis na Cheannard Poileasaidh, air an sgioba a stiùireadh agus a chuideachadh tro 10 bliadhna den Champa Shamhraidh. 

Thuirt Mark: “Bha dachaigh aig a’ Champa Samhraidh ann am Bad a’ Ghiuthais far a bheilear a’ cuimseachadh air an àrainneachd a-muigh agus dàna-spòrs, a dh’atharraich builean gu nàdarrach gu bhith cruinnichte mu thimcheall eòlas dhaoine òga air togail fulangas, misneachd, dionghmhaltas, agus neo-eisimeileachd, a thuilleadh air ùinean-foise cunbhalach is càileachdail a stèidheachadh do phàrantan agus luchd-cùraim bho iarrtasan àbhaisteach am beatha cùraim.”

Thuirt màthair a’ chom-pàirtiche, Iseabail Sutton: “Nuair a tha thu ciorramach, ’s e cearcall glè bheag a tha mun cuairt ort agus tha cothroman cuibhrichte. Mar phàrantan, tha sinn a’ sireadh nan cothroman sin, ach mura biodh an taic bho bhuidhnean leithid Spòrs Ciorraim Alba, spòrsalba agus Cùram Co-roinnte Alba, tha fìor ghainnead chothroman ann.”

An Campa Samhraidh

Tha am prògram de ghnìomhachdan air a lìbhrigeadh le luchd-obrach agus saor-thoilich SDS a’ cuimseachadh air togail misneachd, neo-eisimeileachd agus ionnsachadh sgilean ùra. Bidh luchd-campachaidh a’ faighinn tlachd à gnìomhachdan leithid boccia, boghaireachd, sgilean campachaidh, sligheadaireachd agus togail sgioba.  

Tha Iseabail Sutton a tha ceithir bliadhna deug a dh’aois, air a bhith aig a’ Champa Shamhraidh dà uair agus b’ e a’ chiad turas aice a’ cur seachad oidhche air falbh bhon taigh. Tha comasan labhairt cuibhrichte aig Iseabail agus fhuair i roghainnean gus a cuideachadh le iomradh a dhèanamh air a h-eòlas.

Ròghnaich Iseabail am freagairt seo: “Bha mi a’ faireachdainn sàbhailte agus air mo choimhead às mo dhèidh agus bha an luchd-obrach glè spòrsail. B’ e na nithean a b’ fheàrr a bhith a’ faighinn dàna-thursan agus a bhith neo-eisimeileach.” 

Thuirt Katy Sutton, màthair Iseabail, a bhios ag obair saor-thoileach aig Campa Samhraidh 2024: 

“Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cuideachadh agus a’ cur ri eòlas dhaoine òga eile, gus cothroman air spòrs a bhith aca ann an àite sàbhailte, a tha a’ ceadachadh a bhith neo-eisimeileach. Le feumalachdan conaltraidh Iseabail, tha e doirbh dhi caraidean a dhèanamh. Bha i a’ faireachdainn com-pàirteach agus thàinig i air ais an dèidh caraidean a dhèanamh agus bha e fìor mhath a bhith a’ faicinn sin.” 

Bha Layla McCloskey na com-pàirtiche aig a’ Champa Shamhraidh airson a’ chiad uair agus thàinig i an lùib SDS tro fharpais ann an ruith frèama.  

Thuirt Layla: “B’ fhìor thoigh leam a bhith a’ dèanamh charaidean ùra agus bha na gnìomhachdan spòrsail, dh’fheuch mi a h-uile nì. Bha mi beagan eagalach an toiseach, ach bha a h-uile neach gam dhèanamh toilichte agus bha mi a’ faireachdainn nas misneachaile. Bha luchd-obrach SDS dìreach ìongantach agus glè thaiceil.” 

Thuirt Claire, màthair Layla: “Le bhith nam phàrant leam fhìn, cha robh ann ach mi fhìn agus Layla o chionn 15 bliadhna, mar sin ’s e rud mòr a bh’ ann do Layla a dhol don Champa Shamhraidh. Tha an taobh sòisealta dheth gu lèir air a brosnachadh gu bhith nas neo-eisimeiliche. Tha e air Layla a chuideachadh gu ìre mhòr.”

Thuirt Claire cuideachd: “Chan e snàmhaiche math a th’ ann an Layla ach le taic agus brosnachadh chaidh i don uisge i fhèin agus dh’fheuch i caidheagadh. Dh’fheuch i boghadaireachd cuideachd, nì a tha sinn an dùil a thogail mar spòrs eile.” 

Stèidheachadh prìomh lìonra taic  

Tha Ling Mann na bhall sònraichte den sgioba shaor-thoileach aig a’ Champa Shamhraidh agus tha e air a bhith an lùib SDS bho 2015. 

Thuirt Ling: “Tha a bhith nad phàirt de SDS mar theaghlach, tha an luchd-obrach a’ dèanamh cinnteach gu bheil thu air do choimhead às do dhèidh agus gu bheil fios agad dè tha a’ dol air adhart, a thuilleadh air do chuir air cùrsaichean buntainneach, leithid stiùirichean Boccia agus rèitireachd aig ìre a trì. Is toigh leam a bhith a’ coinneachadh dhaoine air a’ chiad latha aig a’ champa. Uaireannan, tha iad iomnaidheach no eagalach am pàrantan fhàgail, an uair sin tha am misneachd a' fàs, a’ tòiseachadh ag obair còmhla agus gar faicinn mar charaidean.” 

Taic leantainneach Spòrs Ciorraim Alba

An dèidh a’ Champa Shamhraidh, tha SDS a’ leantainn air adhart a’ cur taic ri com-pàirtichean a thathar a’ brosnachadh gu conaltradh le am Manaidsear Leasachaidh Roinneil. Tha mòran de na daoine òga a’ dol air adhart gu leantainn le spòrs a dh’fheuch iad aig a’ champa, a’ dol do chlubaichean ionadail agus a’ frithealadh fharpaisean.

Thuirt Claire: “On a thill mi bhon Champa Shamhraidh, bidh sinn a’ dol gu farpaisean gach dàrna seachdain agus tha Layla air cruinneachaidhean agus taisbeanaidhean a dhèanamh mu dheidhinn SDS agus mun champa san sgoil. Tha SDS a-nis ag obair le Duaisean Theisteanas na h-Alba gus moideal ùr-nodha a chruthachadh do Layla airson a dhèanamh san àrd-sgoil.”

“Tha SDS a’ toirt taic do Layla cuideachd na dreuchd coidsidh a tha na phàirt àibheiseach de a h-adhartas. Tha buaidh fìor mhòr air a bhith aig SDS air beatha Layla agus tha an taic a fhuair sinn bhuapa do-chreidsinneach. Mar phàrant, tha mi cho toilichte.”  

Share links

Related Articles

Layla 2024

Sport For Life 24: Scottish Disability Sport Summer Camp

Staff and volunteers at a Summer Camp are having a life-changing impact on young people and their families.

Read More
Swimming 3

Sport For Life 23: SDS Parasport Festivals

Festivals making an impact all over Scotland

Read More
Grace SDS YPSP 1 Europe In Action Conference

Europe in Action: Grace Jean Lawther

Grace from Scottish Disability Sport’s Young Persons Sport Panel shares her conference experience.

Read More