Chuir Stephen McGuire crìoch air a cheathramh Geamannan Parailimpeach le bonn òir ann am boccia fa leth nam fear BC4*, an dèidh buaidh a thoirt air Edilson Chica 8-5 Colombia aig South Paris Arena.
Bha a bhuaidh mar thoradh air fichead bliadhna de leanaltas agus obair chruaidh, gu h-àraid às dèidh cas agus glùin bhriste ann an 2022, a dh’fhàg e le rathad fada air ais gu ath-shlanachadh gus faighinn air ais gu farpaisean.
A’ meòrachadh air an t-seusan, thuirt Stephen:
“Bha 2024 do-chreidsinneach. B’ e an gnìomhadh a b’ fheàrr a bh’ agam thar 20 fichead bliadhna de chluiche spòrs. Cha robh mi air càileachadh airson nan geamannan ann am Paris, mar sin dh’fheumainn seusan fìor mhath agus na b’ urrainn dhomh de phuingean a thional.”
“Thòisich mi math agus bhuannaich mi aig Dùbhlanair Boccia na Cruinne 2024 ann an Zagreb, an uair sin fhuair mi bonn airgid aig Cupa Boccia na Cruinne ann am Montreal agus dh’fhàs mo mhisneachd às an sin agus thàinig agam air gach farpais dheireannach a ruighinn. Chaidh mo thaghadh airson nan geamannan, dìreach còig seachdainean ro na Geamannan Parailimpeach ann am Paris, agus an uair sin bhuannaich mi an duais mhòr! Tha e air a bhith na aisling agam a-riamh bonn a lìbhrigeadh do Paralympics GB.”
Bha Stephen fadalach a’ dol a-steach don sguad Bhreatannach, a’ cosnadh àite fhèin an dèidh seusan soirbheachail, a’ dearbhadh gum b’ urrainn dha farpais fhathast aig an ìre as àirde. Anns an fharpais dheireannaich de thachartas BC4, fhuair e chun an toisich san trìtheamh pàirt, a’ sgòradh còig phuingean, gnìomh a bha tearc aig an ìre seo. Bha an ro-innleachd aige a’ cuimseachadh air cothroman sgòraidh do a neach-dùbhlain a dhùnadh sìos, seach dìreach a’ buannachadh deiridhean fa leth.
An rathad gu Paris
Tha prìomh àite trèanaidh Stephen le prògram UK Boccia ri lorg ann an Oilthigh Shruighlea, far a bheil an dà chuid cluicheadairean Boccia UK agus cluicheadairean boccia Spòrs Ciorraim Alba a’ co-roinneadh àrainneachd trèanaidh shònraichte gach latha.
Tha Stephen a’ faotainn taic fad na bliadhna bho luchd-obrach institiùd spòrs spòrsalba (SIS), le cothrom air raon farsaing de sheirbheisean gnìomhaidh a’ gabhail a-steach anacladh-cuirp, neart is càradh, saidhc-eòlas, biadh-eòlas, beò-eòlas, agus mòran a bharrachd.
Ag obair còmhla ri Stephen agus a choidse Boccia UK, Claire Mhoireasdan, tha ‘an sgioba air cùl an sgioba’ a’ toirt seachad taic shònraichte, a’ gabhail a-steach lìonra sa bheil teaghlach, caraidean, coidsichean, clubaichean, agus coimhearsnachdan, air an ath-neartachadh le buidhnean riaghlaidh agus ealantas institiùd spòrs spòrsalba, air an cumail suas le inbheisteadh bho Riaghaltas na h-Alba agus an Crannchur Nàiseanta.
Ann an 2024-25, fhuair 621 lùth-chleasaiche Albannach taic bho institiùd spòrs spòrsalba. Aig Paris 2024, bha 33 lùth-chleasaichean Albannach a’ farpais aig na geamannan Oilimpeach agus Parailimpeach, a’ cosnadh 13 buinn do dh’Albannaich air Sgioba GB agus 20 bonn do dh’Albannaich air Parailimpich GB.
Tha Alan Sinclair, Manaidsear Ullachaidh Chorporra Roinneil agus Jesse Castillo, an Àrd-Anaclair-cuirp do phrògram Boccia, a’ dèanamh suas prìomh phàirt de sgioba taic institiùd spòrs spòrsalba bho latha gu latha airson Stephen.
Tha an dàimh leantainneach eadar Stephen agus a sgioba ga chuideachadh gu an fheum as àirde a thoirt às a thrèanadh corporra, cur casg air leòn, agus a’ gnìomhadh aig an ìre as àirde anns an spòrs aige.
Thuirt Stephen:
“Chan urrainn dhomh na tha mi a’ dèanamh a dhèanamh às aonais na sgioba. Tha dà eileamaid san taic bho institiùd spòrs spòrsalba a tha nam buannachd dhomh. Is e neart is càradh aon dhiubh; feumaidh neach le diostrofaidh fèitheach cumail a’ gluasad agus a bhith gnìomhach. Agus is e cumail suas corporra an eileamaid eile, tha anacladh-cuirp agus suathadh-bodhaig mar sheirbheisean air a bheil feum mhòr agam.”
Aon sgioba
Tha Alan air a bhith ag obair le Stephen airson mòran bhliadhnaichean, mar phàirt de sgioba ioma-chuspaireil. Gus am prògram ullachadh, tha Alan a’ comharrachadh iarrtasan corporra an spòrs a thuilleadh air beachdachadh air feumalachdan fa leth Stephen.
Thuirt Alan: “Airson a’ phrògraim aig Stephen, tha an t-iarrtas as motha airson boccia a’ tighinn bho thrèanadh a thaobh comas a bhith aige air dèiligeadh ri tomad mhòr de chleachdadh thilgeilean agus an neart is fulangas bodhaig a bhith aige airson suidheachadh tilgeil èifeachdach a chumail suas tron ùine cleachdaidh.”
“Tha sinn air prògram Stephen fhàs mean air mhean rè ùine, le bhith a’ coimhead ri far an urrainn dhuinn taobhan sònraichte a dhèanamh nas dèine. Mar thoradh air suidheachadh Stephen, tha am prògram a’ cuimseachadh air prìomh chàileachdan fèitheach a thoirt gu làn-ìre agus a chumail suas, fhad ’s a thathar a’ lùghdachadh cunnart a thaobh sgìos. Tha seo a’ ceadachadh do Stephen an tomad de chleachdadh càileachdail riatanach a thional, a bhios buannachdail dha nuair a bhios e a’ farpais.”
Tron àm ro Paris 2024, bha Stephen a’ siubhal air falbh airson fharpaisean agus mar sin bha seirbheisean anaclaidh-cuirp cunbhalach bho Jesse Castillo deatamach, a’ cuimseachadh air casg leòin, stiùireadh, agus cuideachadh le amasan stèidhichte air gnìomhadh.
Thuirt Jesse: “Bha mi a’ toirt seachad taic stèidhichte san dachaigh, a’ gabhail a-steach ceanglaichean le Alan agus dòigh-beatha gnìomhaidh airson feumalachdan làitheil sam bith sam feumadh Stephen a bhith barraichte ann am Paris. Gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ solarachadh ìre cùraim fharsaing, tha mi cuideachd air cuid de na coinneamhan meidigeach is lannsair aig Stephen a fhrithealadh, a tha gar cuideachadh le fiosrachadh a thional agus ceistean sam bith a dh’fhaodadh a bhith aig Stephen a fhreagairt.”
Thuirt Stephen: “Tha mòran goirteas agam fhathast nam ghlùin, mar sin nì Jesse tòrr suathaidh, drèanadh, dùmhlachadh agus teipeadh oirre gus an eileamaid de phian a lasachadh. Tha e air a bhith mìorbhaileach agus tha e an-còmhnaidh an sin a’ cuideachadh aig gach seisean.”
A’ mhòmaid fhoirfe
B’ e bonn Parailimpeach an aon bhonn nach robh Stephen air buannachadh a-riamh. Bha e air a bhith a’ sireadh na h-aisling seo airson 20 bliadhna, agus mu dheireadh chaidh a chrùnadh mar ghaisgeach Parailimpeach agus Pàdraig a bhràthair as sine sa bhogsa aithris agus a theaghlach ga bhrosnachadh bho na stanndan.
Nas fhaisge don dachaigh, bha a sgioba taic ga choimhead beò san oifis agus bha subhachasan mòra a’ dol air adhart. Thuirt Alan: “Bha a h-uile neach air leth toilichte agus làn faireachdainn nuair a bhuannaich Stephen. B’ e suidheachadh mìorbhaileach a bh’ ann a bhith nam phàirt de sin.”
Thuirt Stephen: “Tha cuimhne agam air mo chiad sheisean air ais san ionad-cleasachd, bha iad a’ cluich Freed from Desire a thàinig gu bhith mar an t-òran agamsa agus chuir iad m’ ainm ris. Rinn an sgioba cèic cuideachd, bha e mìorbhaileach agus bha e cho math a bhith a’ roinn nam mòmaidean sin agus a’ toirt a’ bhuinn air ais airson a thaisbeanadh.”
Thug Alan beachd air dealas Stephen a thaobh a’ phrògraim agus boccia, ag ràdh: “Tha Stephen ag àrd-riochdachadh nan giùlainean proifeiseanta ann an lùth-chleasaiche. Tha a ghnìomhadh ann an trèanadh sàr-mhath, an-còmhnaidh dealasach agus làn chuimsichte air na tha e a’ dèanamh. Chan eil e na iongnadh gur e gaisgeach cruinneil a th’ ann an Stephen a-cheana a tha a-nis na ghaisgeach Parailimpeach agus tha sin a’ labhairt ris an ìre de dhìcheall agus proifeiseantachd a tha Stephen a’ cleachdadh sam boccia aige.”
* Tha an seòrsachadh BC4 do lùth-chleasaichean le ciorraman corporra air nach eil palsaidh na h-eanchainne. Glè thric tha neart, co-òrdanachadh, no gluasad sna ceithir buill aig na cluicheadairean sin cuibhrichte, a’ toirt buaidh air an comas air ball a thilgeil le pongalachd.