Tha Cuairt Rothaireachd Lodainn an Iar mar 1km de chuairt rathaid saor bho thrafaig ann an Gleann Iucha, a tha a’ dèanamh suas pàirt den Mhaoin Ghoireasan Rothaireachd (CFF) nàiseanta luach £8 bho Riaghaltas na h-Alba agus spòrsalba.
Fhuair Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Ghleann Iucha tabhartas de £100,000 bho spòrsalba airson na cuairt a thogail, a tha air a cleachdadh gu cunbhalach le Club Rothaireachd Clarion Lodainn an Iar, Club Lùth-chleasan Ghleann Iucha, agus clubaichean is buidhnean coimhearsnachd eile.
Dh’ainmich Ceann-suidhe Club Lùth-chleasan Ghleann Iucha agus ball de Chlub Rothaireachd Clarion Lodainn an Iar, Aonghas Gallie, an goireas mar “deatamach” ann a bhith a’ cumail suas a shunnd chorporra is inntinn a’ leantainn air ath-shlànachadh bho obair-lannsa eanchainn.
Tha Aonghas, nach d’ fhuair misneachd a bhith a’ rothaireachd air na prìomh rathaidean às deidh an obair-lannsa, ag ràdh: “Ron obair-lannsa, choisinn mi fallaineachd tro bhith a’ rothaireachd agus a’ ruith, agus bha mi ag ionndrainn seo gu mòr. Beagan mhìosan an dèidh obair-lannsa, thàinig agam air rothair dà-chuibhle a stiùireadh ged a bha dol air agus tighinn dheth duilich, le cleachdadh air a chumail gu pàircean chàraichean agus pàirtean glè shàmhach de na rathaidean air an tuath.”
Bidh Aonghas a’ cur crìoch air seisean uair a thìde gach seachdain còmhla ri a charaid, Iain Henry. Tha an nàdar farpaiseach an sin fhathast do Aonghas a bha an sàs ann an ‘dà la dheug de'n Nollaig’ a bha air eagrachadh le Club Rothaireachd Clarion Lodainn an Iar.
Thuirt Iain: “Tha e uabhasach math a bhith a’ faicinn feabhas air co-òrdanachadh agus misneachd Aonghais, agus tha a’ chuairt air a bhith na pàirt mhòr den sin oir is e àrainneachd a th’ ann a tha gu tur saor bho thrafaig. Tha e glè shùbailte, faodaidh tu planadh airson astaran goirid gu cuairtean nas fhaide, mar sin faodaidh Aonghas tòiseachadh agus stad aig àm sam bith a thogras e.”
Ionad gnìomhachd coimhearsnachd
Tha Cuairt Rothaireachd Lodainn an Iar a’ cuideachadh dhaoine de gach aois a thaobh comas an slàinte chorporra is inntinn a leasachadh agus coimhearsnachd nas seasmhaiche, gnìomhaiche agus nas co-cheangailte a chruthachadh.
Thuirt Aonghas: “Tha roinn òigridh fìor làidir sa Chlarion agus às aonais àite sàbhailte airson an gnàth-obair agus an trèanadh a choileanadh, tha thu a’ coimhead airson rathaidean sàmhach agus oighreachdan gnìomhachais. Chan e dìreach an Clarion, tha cothrom aig clubaichean bho air feadh Alba agus àrd-rothairean a thighinn agus a bhith a’ farpais. O chionn ghoirid, bha latha slàn de rèiseadh cuairte againn do gach aois agus bidh sinn a’ cumail thachartasan mar sin gu cunbhalach an seo.”
Chùm Club Lùth-chleasan Ghleann Iucha tachartas sòisealta aig a’ chuairt, far an do ruith buill chun a’ bhanca bìdhe ionadail a lìbhrigeadh bathar. Ghabh a’ chiad Flat ‘n Fast 5K àite, air eagrachadh tro spòrsalba agus air ainmeachadh mar aon de na 5Kan a bu luaithe ann an Alba air sgàth an uachdair tearraidh chòmhnard.
Tha tachartas cunbhalach feasgair aig Club Lùth-chleasan Ghleann Iucha airson sheiseanan ruith inbhich air an coidseadh, a tha a’ cur taic ri ruith-pàirce òigridh seachdaineach an-asgaidh do 4 gu 14 bliadhna a dh’aois, gach Didòmhnaich.
Thuirt Geoff Pendrill, coidse club Lùth-chleasan Ghleann Iucha: “Air feasgar Diardaoin, b’ àbhaist dhuinn a bhith a’ ruith air na sràidean agus sa gheamhradh bha duiligheadasan a thaobh faicsinneachd, dol tarsainn rathaidean agus sàbhailteachd nan ruithearan. Nuair a dh’fhosgail a’ chuairt, ghluais sinn an seo tro obair a bha Aonghas air a dhèanamh.”
Thuirt Geoff cuideachd: “Bho thaobh a’ choidsidh, is e àite glè iol-chomasach a th’ ann. Is urrainn dhòmhsa seasamh sa mheadhan agus gach neach fhaicinn aig an aon àm gus amharc air an dòigh-obrach agus an cùrsa ’s na seiseanan coidsidh atharrachadh gu furasta, a’ dèanamh cinnteach à sàbhailteachd.”
Thuirt Jill Horsburgh, ball de Chlub Lùth-chleasan Ghleann Iucha airson 10 bliadhna: “Airson coimhearsnachd le mòran daoine òga agus teaghlaichean, tha e math a bhith comasach air faighinn a-mach ann an àrainneachd shàbhailte. Faodaidh daoine rothaireachd ionnsachadh, sgilean a leasachadh, agus ruith gu sàbhailte, a thuilleadh air trèanadh agus sòisealachadh ann an àrainneachd dhùinte agus air a deagh lasadh.”
Cruthachadh buaidh mhaireannach
Tha Cuairt Rothaireachd Lodainn an Iar mar aon de 41 pròiseactan a fhuair airgead tron Mhaoin Ghoireasan Rothaireachd.
Tha an CFF air dìleab a chruthachadh seachad air Mòr-Fharpaisean Rothaireachd Chruinneil UCI le bhith a’ cur taic ris an lìonra a tha a’ sìor fhàs de ghoireasan ruigsinneach, in-ghabhalach agus brosnachail a tha a’ misneachadh dhaoine de gach aois gu rothairean a chleachdadh.
Thug an tachartas eachdraidheil agus ùr-ghnàthach còmhla, le aoigheachd ann an Glaschu bho 3-13 Lùnastal 2023, 13 Mòr-Fharpaisean Cruinneil UCI airson diofar chuspairean rothaireachd gu bhith mar aon tachartas mòr airson a’ chiad uair ann an eachdraidh.