Balfour Norquoy Edited (1)

Sgeama Duais Siubhail Lùth-chleasaichean a’ cuideachadh cluicheadair rugbaidh gu ro-ghèam a ruighinn

Tha Balfour Norquoy à Arcaibh a’ dèanamh a shlighe ann an spòrs fo-17 aig Glasgow Warriors

Tha Balfour Norquoy air a bhith a’ cosnadh cliù dha fhèin ann an siostam òigridh Rugbaidh Alba agus e ag obair a dh’ionnsaigh a cheann-uidhe a thaobh an gèam proifeiseanta a ruighinn.

Aig 16 bliadhna a dh’aois, tha an seusan as fheàrr dìreach air a bhith aig Balfour mar chluicheadair rugbaidh òigridh gu ruige seo. Leis a’ cheum an-àird seo anns na gnìomhaidhean aige, tha àrd-amasan aig Balfour a thaobh a chuid fheabhas a chumail a’ dol, ’s e an dòchas aig a’ cheann thall a bhith na chluicheadair rugbaidh proifeiseanta aon latha.

Rinn a ghnìomhaidhean ann an seusan 2025/26 toradh ann am Balfour a bhith air a thaghadh airson sguad fo-17 nan Glasgow Warriors.

Mar thaic dha Balfour agus e a’ coimhead ri slighe an ugbaidh ann an Alba a leasachadh agus a dhìreadh, tha e air cothrom fhaotainn air maoineachadh tro Sgeama Duais Siubhail Lùth-chleasaichean spòrsalba (ATAS) agus air Prògram leasachadh gnìomhaidh a bhuileachadh dha le spòrsalba.

Thuirt e :

“Is e na fo-18 ann an Alba mo phrìomh amas, sin far a bheil mi airson a bhith gun teagamh sam bith. Is e an t-amas deireannach a dhol proifeiseanta san spòrs, bhiodh sin mar m’ aislingean uile a’ tighinn fìor.”

Tha ATAS a’ toirt seachad maoineachadh do lùth-chleasaichean à Sealtainn, Arcaibh, Na h-Eileanan Siar agus a’ Ghàidhealtachd a tha aig ìre gnìomhaidh, leis an amas iomlan air taic a chur ri cosgaisean siubhail gu cothroman leasachail agus farpaisean.

A’ fàs suas air eilean Arcaibh, tha meas mòr air a bhith aig Balfour a-riamh air rugbaidh, a’ tòiseachadh a’ cluich an spòrs aig còig bliadhna a dh’aois agus a-nis a’ cluich do Chlub Rugbaidh Arcaibh, a’ siubhal air feadh Alba agus a’ cluich an aghaidh cuid de na sgiobaidhean òigridh aig an ìre as àirde. O chionn ghoirid, chaidh Balfour a thaghadh gus sgioba fo-17 Caledonia agus sgioba fo-17 nan Glasgow Warriors a riochdachadh.

Thàinig seo mun cuairt air sgàth obair chruaidh, dìoghras agus dealas a tha Balfour air a thaisbeanadh, nì às a bheil an teaghlach Norquoy air leth pròiseil. Ged a thàinig a’ cheum-suas seo ann an spòrs le dealasan siubhail cudromach, glè thric le feum air siubhal air feadh tìr-mòr na h-Alba.

Le Balfour gun a bhith ach 16 bliadhna a dh’aois, nuair a bhios e a’ siubhal tarsainn gu Ionad Gnìomhaidh Roinneil Dhùn Dè agus Goireas Spòrs Chreag an Fhithich, gus trèanadh agus geamannan a fhrithealadh, chan eil cead aige fuireach ann an taigh-òsta leis fhèin. Tha sin a’ ciallachadh nach e dìreach an siubhal agus àite-fuirich a tha cosgail do Balfour agus gum feum pàrant a bhith còmhla ris, ’s e raon a tha seo sa bheil ATAS air taic a thoirt don teaghlach Norquoy, agus thuirt Balfour:

“Tha mi a’ ciallachadh 100%, tha Sgeama Duais Siubhail Lùth-chleasaichean a’ dèanamh diofar mòr, tha e a’ toirt cuideam dheth mo mhàthair agus athair. Tha e gad chuideachadh gu h-àibheiseach, tha e a’ dèanamh diofar iongantach, tha e dìreach sgoinneil.”

Tha Balfour air a bhith an sàs ann an siostam òigridh Aonadh Rugbaidh Alba o chionn dà bhliadhna, ach cha b’ ann gu an-uiridh a tha e air a bhith ga lorg fhèin a’ faighinn barrachd ùine gheamaichean. Aon de na h-adhbharan a tha na thoradh air an seo gu bheil a neart air meudachadh còmhla ris an taic a tha e air fhaotainn tro a phlana leasachadh gnìomhaidh, a tha ga lìbhrigeadh dha fhèin air an Eilean agus lùth-chleasaichean àrd-ìreil eile à Arcaibh. Thuirt e:

“Bha an seusan seo air a bhith na sheusan mòr, tha mi air a bhith air an t-slighe Chailleannach fad dà bhliadhna, agus bha mi fortanach faighinn tro sguad fìor-mhòr de 50. Am-bliadhna, nuair a ghabh mi ris gu h-iomlan agus àite làn dealasach agam, le plana neartachaidh is fallaineachd, bhris mi a-mach gu tur, Glasgow Warriors agus Caledonia, rinn mi uabhasach math le Caledonia, agus fìor mhath le Warriors, chanainn gun teagamh sam bith gu bheil a’ bhliadhna seo air a bhith mar an seusan soirbheachais agam.”

“Mar iomaraiche aig a’ chùl, tha fallaineachd neirt anabarrach cudromach, tha nàdar rugbaidh glè chorporra agus nuair a gheibh thu prògram spòrs a dh’aon ghnothaich, fàsaidh tu nas neartmhoire agus bidh tu nad chluicheadair nas fheàrr.”

Còmhla ri adhartachadh ann an spòrs, cluich an aghaidh roinnean Albananch eile agus sgiobaidhean Sasannach aig amannan, tha an eileamaid shòisealta an lùib coinneachadh ri cluicheadairean rugbaidh eile, a’ còrdadh ri Balfour: “Chanainn gun teagamh gur e an sgioba as fheàrr leam, togail chàirdeasan. ’S e gèam sgiobaidheil a th’ ann an rugbaidh, mar sin cuiridh tu eòlas air na daoine mun cuairt ort. Tha mòran de na balaich ris nach bithinn a’ còmhradh gu h-àbhaisteach, iadsan às an Eaglais Bhric aig a bheil beatha gu tur eadar-dhealaichte bhuamsa, balaich à sgoil phrìobhaideach, agus tha e fìor thlachdmhor ceangal a thogail leotha,” thuirt e.

Share links

Related Articles

Sam Maclennan 1000015682.jpg

Chasing football dreams from the Isle of Lewis

North of Scotland youth football star receives support from Athlete Travel Award Scheme.

Read More
100625 Glasgow Raptors Rugby GS DSC 0040 (2)

LEAP Sport Scotland Festival Fortnight: Glasgow Raptors Rugby Club 

Since 2015, Glasgow Raptors has created a safe space for LGBTQ+ people to engage with sport.

Read More
V2 24 TSSA Bannerfacebook 851X315 2023

SSA24 finalists revealed

The shortlist for The Scottish Sports Awards 2024 has been announced.

Read More