Tha pròiseact ann am Moireibh a’ cleachdadh ball-coise airson taic a thoirt do dhaoine le dùbhlain a thaobh slàinte inntinn agus ro-dhèidhealachd, agus gan cuideachadh le cosnadh a lorg.
Is e com-pàirteachas a th’ ann an Active Recovery Moray (Ath-shlànachadh Gnìomhach Mhoireibh) eadar Ionadan Spòrs Coimhearsnachd Mhoireibh, Urras Coimhearsnachd is Spòrs Eilginn, Poileas Alba agus Arrows – seirbheis Quarriers, a tha a’ toirt taic do dhaoine fa leth agus teaghlaichean air feadh sgìre Mhoireibh, a tha fo bhuaidh dhrogaichean agus deoch-làidir.
Thòisich e sa Chèitean 2022 le amas air cothroman spòrs an-asgaidh a sholarachadh gus ceadachadh do chom-pàirtichean eòlas a chur air an raon fharsaing de bhuannachdan corporra is inntinn an lùib a bhith a’ fuireach gnìomhach, a thuilleadh air e a bhith na àrd-ùrlar airson feabhas a thoirt air in-ghabhail shòisealta, sgilean beatha a neartachadh, misneachd a thogail agus cothroman cosnaidh san àm ri teachd a mheudachadh. Tha com-pàirtichean gam moladh airson nan seiseanan leis na seirbheisean sòisealta, Arrows agus luchd-obrach an NHS.
Thuirt Dimitris Chrysanthakopoulos, Oifigear Leasachaidh Ionad Spòrs Coimhearsnachd Mhoireibh: “A’ tighinn a-mach à pandamaig COVID-19, bha mothachadh do shlàinte inntinn glè àrd agus bha fios againn gun robh sin gu bhith na phrìomhachas san sgìre. Bha am pròiseact a chuir sinn air bhonn mar nì a bha dha-rìribh a dhìth air an sgìre. Chaidh mise a chonaltradh ri Arrows, mhìnich mi mo bheachd dhaibh agus ghabh iad ris bhon fhìor thoiseach. Fhuair iad fiosrachadh air ais bhon luchd-dèiligidh aca fhèin an toiseach gus ar cuideachadh leis a’ phròiseact a chur ri chèile, sin an t-adhbhar a roghnaich sinn ball-coise mar ghnìomhachd.
“Aon uair ’s gum faca daoine na toraidhean a bha sinn a’ faighinn, chùm e air a’ fàs agus bha sinn a’ faighinn ais-fhiosrachadh math bhon luchd-compàirt. Bha na com-pàirtichean a ‘ dol don ionad obraichean agus gu coinneamhan obair shòisealta ’s iad ag ràdh cho math ’s a bha iad a’ faireachdainn bho thòisich iad sna seiseanan ball-coise.
“Tha e mìorbhaileach fhaicinn. Cha robh dùil agam ris an ìre seo de bhuaidh nuair a thòisich sinn air a’ phròiseact. Chì thu cho toilichte ’s a tha a h-uile duine aig na seiseanan, chan ann a-mhàin a’ cluich ball-coise ach a bhith comasach air coinneachadh agus caraidean a dhèanamh le daoine aig a bheil na h-aon dhùbhlain riutha fhèin. ’S e àrainneachd bhlàth shocair a th’ ann. Cha bhiodh fios agad gu bheil na daoine sin a’ dèiligeadh ris na dùbhlain a th’ aca.”
Tha maoineachadh a fhuaireadh aig an toiseach bho Arrows, Poileas Alba agus Ionadan Spòrs Coimhearsnachd Mhoireibh air ceadachadh don phròiseact seisean ball-coise an-asgaidh a ruith gach seachdain anns an Gleaner Arena ann an Eilginn. Tha na seiseanan nan àite sàbhailte do na com-pàirtichean a thighinn ann agus coinneachadh ri daoine eile a tha a’ dol tro na duilgheadasan ceudna nam beatha.
Tha gach seisean a’ faotainn taic bho bhall de sgioba taic dhrogaichean is alcol Arrows a thuilleadh air oifigear poilis ionadail, a tha air a dhol tro thrèanadh bho Chomann Slàinte Inntinn na h-Alba (SAMH), a’ ceadachadh dhaibh còmhraidhean slàinte inntinn fiosraichte a chumail agus taic a thoirt do chom-pàirtichean.
Tha am pròiseact a’ toirt buaidh mhòr. Tha Jonathan Mitchell air a bhith a’ frithealadh bhon toiseach, tha ADHD air agus bha e gun obair. Bha Jonathan cho measail air a’ phròiseact ’s gu bheil e a-nis air teisteanasan coidsidh a dhèanamh air-loidhne agus a’ stiùireadh nan seiseanan e fhèin. Chaidh aige air obair a lorg cuideachd agus tha e ag ràdh gur e duine a th’ ann a-nis a tha gu tur diofraichte.
Thuirt Jonathan: “Thòisich mi a’ tighinn an seo oir bha mi a’ strì ri mo shlàinte inntinn. Bha mi a’ faireachdainn gu robh rudeigin a dhìth nam bheatha agus tha na seiseanan ball-coise air tòrr a thoirt dhomh. Ann a bhith a’ dèanamh coidseadh a-nis, tha e a’ faireachdainn math a bhith comasach air buaidh a thoirt air beatha dhaoine eile agus tha a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tèid iad dhachaigh le fiamh-ghàire air an aodann a’ toirt faireachdainn math dhomh.”
Thuirt com-pàirtiche eile, Connor Dalgarno: “Bha na t-slàinte inntinn agamsa a’ dol a-mach à rian aig deireadh 2021 agus toiseach 2022. Chunnaic mi post air Facebook mu dheidhinn Active Recovery Moray agus smaoinich mi gun robh cho math dhomh fheuchainn. Nuair a thàinig mi don togalach, bha mi a’ faireachdainn gun robh gràdh ga thoirt dhomh an seo, agus tha mi air caraidean a dhèanamh a bhios agam fad mo bheatha.”
Air feadh Alba, bidh lìonra de dh’Oifigearan Ionad Spòrs Coimhearsnachd ag obair le stiùirichean sa choimhearsnachd ionadail gus cuideachadh le cnapan-starra a thuigsinn agus modhan-obrach in-ghabhalach a leasachadh, gus dèanamh cinnteach gum fàs gach neach gnìomhach. Tha iad a’ cuideachadh le com-pàirteachasan a stèidheachadh agus planaichean is goireasan a leasachadh gus cothrom agus comas a thogail ann am buidhnean coimhearsnachd.
Tha soirbheachadh a’ phròiseict air leantainn gu planaichean airson leudachadh a-mach gu barrachd sgìrean ann am Moireibh tro chlubaichean spòrs ionadail agus le diofar sheòrsaichean spòrs. Tha e air leantainn cuideachd gu Cairt Slàinte Inntinn Mhoireibh airson Gnìomhachd Chorporra a leasachadh, a chì clubaichean san sgìre a’ toirt gealltanas air luchd-obrach a thrèanadh, a bheir àrainneachd nas in-ghabhalaiche do chom-pàirtichean. Tha cuid de chom-pàirtichean Active Recovery Moray aig a bheil feum air taic sònraichte ach tha planaichean nan àite airson taic a thoirt do dhaoine aig a bheil feum air, ach a tha comasach air com-pàirt a ghabhail anns na prìomh sheiseanan cluba.