Orkney Pano Sportfirst

Sport For Life 25: Neartachadh bun-structar spòrs Arcaibh: Club Ruith is Lùth-chleasan

Spòrs ann an Arcaibh air a neartachadh tro thasgadh de £1mhillean bho spòrsalba.

Ghabh na 20mh Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean ann an Arcaibh àite bho 12-18 Iuchar 2025, a’ comharrachadh an 40mh bliadhna den tachartas. 

Chunnaic an fharpais fad-seachdaine lùth-chleasaichean à 24 buidheann eileanach bho air feadh an t-saoghail a’ farpais ann an 12 spòrs: boghadaireachd, lùth-chleasachd, badmantan, bobhladh, rothaireachd, ball-coise, goilf, giomnastachd, seòladh, sguais, snàmh agus trì-chluichean. 

Ro thoiseach Gheamannan nan Eilean, thug tasgadh de £1 mhillean de mhaoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba agus an Crannchur Nàiseanta seachad cuideachadh le ullachaidhean mu choinneamh aon de na tachartasan ioma-spòrs a bu mhotha a ghabh àite san Roinn Eòrpa ann an 2025.  

Ro na geamannan, cheadaich am pasgan maoineachaidh leasachadh cudromach air raon de ghoireasan spòrs, uidheamachd, agus cuideachadh le ionadan fharpaisean a sholarachadh, a thàinig gu bhith nan dachaighean do spòrs ionadail, a’ toirt buannachd do sgoiltean, Sgoiltean Gnìomhach, clubaichean, agus a’ choimhearsnachd ionadail – a thuilleadh air raon de thaic eile a thabhann gus spòrs ann an Arcaibh a neartachadh airson an ama ri teachd. 

Chuir an tasgadh ri leasachadh air coidsichean agus oifigich, a’ dèanamh suas sgioba-obrach nas sgileil agus nas làidire airson thachartasan spòrs san àm ri teachd. San eadar-ama, sholaraich maoineachadh do lùth-chleasaichean Arcaibh tro Sgeama Duaise Siubhail Lùth-chleasaichean aig spòrsalba, daoine fa leth leis an ullachadh as fheàrr a ghabhas do chothrom nach tig ach aon uair sa bheatha, air farpais aig Geamannan nan Eilean san eilean dhachaigheil. 

Thuirt Inga Linklater, Manaidsear a’ Chlub, Club Ruith is Lùth-chleasan Arcaibh: 

“Tha an tasgadh a fhuair sinn bho spòrsalba air a bhith do-chreidsinneach anns gach taobh den chlub. Tha sinn a’ coimhead ris a’ chlub a chumail suas airson an ama ri teachd agus a bhith comasach air sgilean a leasachadh taobh a-staigh coidseadh, gnìomhachadh, agus tha an àireamh de dhaoine a tha a’ dèanamh obair shaor-thoileach a’ dol gar cuideachadh le sin a dhèanamh. Tha e air ar cur ann an suidheachadh nach b’ urrainn dhuinn smaoineachadh air o chionn dà bhliadhna.”

Ionad gnìomhachd: Ionad Pickaquoy 

Thug tasgadh de £241,335 do dh’Ionad Pickaquoy ann an Ciorcabhal tèarainteachd don aon traca spòrs a-mhàin ann an Arcaibh agus do dhachaigh Club Lùth-chleasan Arcaibh mu choinneamh an ama ri teachd. Thug am maoineachadh inbhe comharra traca theisteanaichte don ionad, a’ solarachadh ionad fharpaisean do dh’Arcaibh 2025 agus an comas air aoigheachd a thoirt do thuilleadh thachartasan le ceadachas. 

Bha an t-ionad fìor chudromach tro na geamannan, a’ toirt aoigheachd do bhoghadaireachd, lùth-chleasachd, badmantan, sguais agus snàmh.  

Thuirt Inga: “Tha an tasgadh ann an uidheamachd agus stòradh air ceadachadh dhuinn farpais agus toraidhean rèitichte fhaotainn. Bha sinn aig an ìre leis an uidheamachd leum-àrd againn agus nach b’ urrainn dhuinn farpaisean a chumail tuilleadh. Cha robh e rèitichte fo TrackMark. Mar sin, tha e air diofar àibheiseach a dhèanamh dhuinn.”

Tasgadh ann an ceannardas

Tha taic-airgid coidsidh dùthchail ùr thar còrr air trì bliadhna air taic a chur ri coidsichean is oifigich làithreach agus san amharc bho sgìrean ionadail le cosgaisean siubhail is àite-fuirich, gus cothroman foghlaim, trèanaidh agus leasachaidh inntrigeadh.

Cho-obraich spòrsalba le comhairlean Shealtainn, Arcaibh agus nan Eilean Siar gus taic a chur ri foghlam agus leasachadh choidsichean is oifigich, anns an ullachadh do Gheamannan nan Eilean. A’ leantainn air na geamannan, cuidichidh am prògram le sgioba-obrach spòrs mheudaichte a chruthachadh fhad ’s a tha clubaichean a’ leasachadh an comais air barrachd com-pàirteachaidh.  

Thuirt Elaine Harcus, Oifigear Leasachaidh Spòrs Chomhairle Arcaibh: 

“Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le clubaichean ionadail agus Buidhnean Riaghlaidh na h-Alba gus gnìomhachd leasachaidh coidsidh is oifigich a phlanadh, a tha sa mhòr-chuid air a lìbhrigeadh ann an Arcaibh. Tha sinn air leth toilichte leis an fhrithealadh bho chlubaichean ionadail a’ dèanamh feum den mhaoineachadh mhìorbhaileach seo gus an àireamh de choidsichean a mheudachadh, agus le sin an cothrom air cuideachadh le spòrs agus gnìomhachd chorporra a dhèanamh nas ruigsinniche dhaibhsan uile air Tìr-mòr agus taobh a-staigh nan eilean a-muigh.” 

Lean i oirre, “Tha am pròiseact a’ cur taic ri saor-thoilich ann an leasachadh air an sgilean pearsanta, tro fhoghlam coidsidh, cùrsaichean oifigeil, agus Leasachadh Pearsanta Leantainneach. Tha e cuideachd a’ cur taic ri daoine òga a’ tòiseachadh air an slighe coidsidh. Tha a bhith a’ faighinn choidsichean san amharc an sàs bho aois òg deatamach do leasachadh chlubaichean ionadail agus gealltainneach do spòrs Arcaibh san àm ri teachd.”  
 
Tha eagrachadh agus ruith farpais no tachartas ag iarraidh suas ri 50 oifigeach, ga dhèanamh riatanach an sgioba-obrach seo ath-mheudachadh, ath-thrèanadh agus ath-leasachadh. Sa bhliadhna a chaidh seachad, dhùblaich Club Ruith is Lùth-chleasachd Arcaibh an àireamh de dh’oifigich anns an ullachadh do Gheamannan nan Eilean. 

Thuirt Aly MacPhail, Oifigeach aig Club Ruith is Lùth-chleasachd Arcaibh:  

“Tha na goireasan againn a-nis, an uidheamachd agus an uidheam dhealbhan gu h-àraid, gus tìmeachaidhean do na lùth-chleasaichean a thoirt dhuinn ris an tèid gabhail gu cumhachd 10, gus an urrainn dhuinn ar farpaisean fhìn a chumail gu dachaigheil, ach airson sin a dhèanamh, feumaidh a’ chothromachd agus an ìre cheart de dh’oifigich a bhith agad gus tachartas àrd-ìre a ruith, agus sin as urrainn dhuinn a dhèanamh a-nis air an eilean fhèin, agus ’s mòr a tha sin a’ còrdadh ris na lùth-chleasaichean.”

Neartachadh chlubaichean agus choimhearsnachdan  

Tha tasgadh meudaichte ann an luchd-obrach airson prògram Spòrs Coimhearsnachd Arcaibh air solar spòrs leasaichte a thoirt dhuinn air na h-eileanan. Chaidh maoineachadh a bhuileachadh cuideachd do Bhuidhnean Riaghlaidh spòrs ann an Alba aig an robh lùth-chleasaichean a’ gabhail pàirt sna geamannan.   

Tha an tasgadh a thuilleadh air maoineachadh bliadhnail spòrsalba de fo £170,000 airson spòrs ann an Arcaibh, a tha a’ gabhail a-steach gealltanas do Sgoiltean Gnìomhach, Mòr-ionad Spòrs Coimhearsnachd Arcaibh, daoine òga agus rothaireachd. 

Thirt Maree Todd, Ministear Poileasaidh Dhrogaichean is Alcol agus Spòrs:  

“Tha mi glè thoilichte an tasgadh cudromach seo ann an spòrs ann an Arcaibh fhaicinn, a chuireas ri soirbheachadh Arcaibh 2025 agus gu deatamach, a dh’fhàgas dìleab mhaireannach de na geamannan.”  

“Bidh am maoineachadh a bharrachd seo buannachdail do chlubaichean agus coimhearsnachdan ionadail, a’ leasachadh bun-structar spòrs agus a’ dèanamh fìor dhiofar do dhaoine air feadh Arcaibh, ach gu h-àraid clann agus daoine òga.” 

Tha clubaichean ionadail air taic fhaighinn cuideachd bho phrìomh phròiseactan agus a’ Mhaoin Ghoireasan Spòrs, a bhios a’ cruthachadh no a’ leasachadh nan àiteachan far a bheil daoine a’ gabhail pàirt ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra sa choimhearsnachd ionadail aca.  

Cumhachdachadh lùth-chleasaichean airson soirbheachadh  

Bidh lùth-chleasaichean Arcaibh a’ co-roinneadh £40,000 thairis air ceithir bliadhna bho Sgeama Duaise Siubhail Lùth-chleasaichean, prògram a tha a’ cuideachadh lùth-chleasaichean òga ann an roinnean agus sgìrean dùthchail Alba le cothroman trèanaidh agus farpaiseach inntrigeadh.  

Tha am prògram, a tha a-nis san ochdamh bliadhna, na chom-pàirteachas eadar spòrsalba agus na h-ùghdarrasan com-pàirteachaidh ionadail ann an Alba – Comhairle Eileanan Arcaibh, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Eileanan Shealtainn agus Comhairle na Gàidhealtachd. Eadar an Giblean 2024 agus am Màrt 2025, fhuair 13 lùth-chleasaichean suas ri £750 a dh’ionnsaigh chosgaisean siubhail is àite-fuirich, nuair a bha iad a’ frithealadh trèanadh agus farpaisean. 

Fhuair a h-aon deug lùth-chleasaiche taic tro Phrògram Leasachadh Gnìomhachaidh Arcaibh, a gheibh £36,000 thairis air trì bliadhna. Mar phàirt den phrògram, fhuair lùth-chleasaichean cothrom air taic gnìomhachaidh bho eòlaichean institiùd spòrs spòrsalba, a’ gabhail a-steach seiseanan ullachaidh corporra, anacladh-cuirp, comhairle bho chomhairliche dòigh-beatha gnìomhachaidh agus prògram de chothroman foghlaim. 

Thuirt Emily NicArtair, a’ riochdachadh Arcaibh ann an rèis phàirteach 400m agus 800m aig Geamannan nan Eilean: 

“Tha mi air taic mhìorbhaileach fhaotainn bho mhòran daoine. Tha fios aig gach neach ann an Arcaibh mun chosgais mhòr an lùib siubhal a-mach às an sgìre, mar sin tha an duais siubhail seo na chuideachadh fìor mhòr. Tha sinn an dòchas gun ceadaich e dhomh pàirt a ghabhail ann am barrachd phrìomh fharpaisean, air a’ bhlàr a-muigh tron t-samhradh, agus an uair sin a-steach don t-seusan a-staigh tràth ann an 2026.”

Leasachadh bhun-stèidhean airson fàs  

Tha dìleab aig cridhe Arcaibh 2025. Bho dhaoine òga gu coidsichean, oifigich, saor-thoilich agus lùth-chleasaichean, tha Geamannan nan Eilean air na bun-stèidhean a chur sìos agus air bun-structar seasmhach a lìbhrigeadh do ghinealaichean de luchd-spòrs òg ann an Arcaibh gus trèanadh, farpais, agus fiù càileachadh airson thachartasan eadar-nàiseanta gun fheum air na h-eileanan fhàgail. 

Thuirt Gòrdan Deans, Cathraiche Arcaibh 2025: 

“Is e urram mòr a th’ ann do dh’Arcaibh aoigheachd a thoirt do Gheamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean. Tha a’ choimhearsnachd ionadail deiseil airson bunnachad mhòr fhaotainn bhon mhaoineachadh a bharrachd bho spòrsalba a nì cinnteach gum fàg na Geamannan dìleab mhaireannach agus dhearbhach airson spòrs ionadail. Cuiridh e tuilleadh taic ri cliù na h-Alba mar dhùthaich a tha a’ lìbhrigeadh thachartasan spòrs aig ìre chruinneil.” 

Thuirt e cuideachd: “Faodaidh a leithid de bhuaidh dhearbhach a bhith aig spòrs air coimhearsnachdan beaga agus iomallach, agus mar sin le bhith a’ tasgadh ann an goireasan spòrs Arcaibh, tha sinn a’ toirt fòcas do dhaoine òga, ag adhartachadh dòigh-beatha fhallain agus a’ neartachadh dearbh-aithne chultarach na coimhearsnachd.”

Sport For Life 2025

Share links

Related Articles

SF1

Breaking ground on a bigger, bolder Clyde Cycle Park

Next stage reached on journey to make Cambuslang venue a cornerstone of cycling in the west of Scotland

Read More
Resize 1

Stow Pump Track officially opens

The track is already well used by people of all ages and abilities in the Borders

Read More
Resize Main

New life brought to Castlemilk sports facility

Castlemilk community hub reopens after £1.2million investment

Read More