Gabhail Ar Pàirt 2018

Gabhail Ar Pàirt 2018

Mar a tha siostam spòrs aig ìre chruinneil a’ cuideachadh dhaoine gu bhith a’ gabhail pàirt agus ag adhartachadh

Is e rùn spòrsalba, am buidheann nàiseanta airson spòrs, siostam spòrs aig ìre chruinneil a thogail do na h-uile ann an Alba.

Nar n-obair le com-pàirtichean, tha sinn ag amas air spòrs a chur aig cridhe a’ cho-chomainn, a’ toirt buaidh dheimhinneach air daoine agus coimhearsnachdan. 

Agus cò iad na daoine sin, càite bheil na coimhearsnachdan agus cò iad na com-pàirtichean againn?

Tha adhbhar #PlayingOurPart2018 dà-fhillte:

  • An siostam spòrsa a thoirt beò tro fhèin-eòlasan pearsanta
  • Ar n-adhartas a thomhas mu choinneamh bhuilean is chomasaichean ann an 2017-18 

Tha sinn an dòchas gun còrd sgeulachdan Emma Waldie, teaghlach MhicCòmhghain agus iomaraichean Obar Dheathain ribh gus faicinn mar a tha an eòlasan co-cheangailte ris an info-grafaig anns an sgrìobhainn Geàrr-iomraidh air Adhartas

Ma tha sibh air ur brosnachadh gu pàirt a ghabhail (no pàirt nas motha a ghabhail) ann an spòrs, coimheadaibh ris na ceanglaichean aig bonn an artaigil seo. 

Tha sinn ag amas air a dhèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig gach neach ann an Alba air com-pàirteachadh agus adhartachadh ann an spòrs. 

 

#PlayingOurPart2018: Emma Waldie 

Is e cluicheadair ball-bholaidh eadar-nàiseanta a th’ ann an Emma Waldie, 17, Tosgaire Òg, coidse teisteanaichte, oide brosnachail PE agus saor-thoileach Sgoiltean Gnìomhach. Tha an sgeulachd aice a’ taisbeanadh an raoin de chothroman a tha rim faotainn le daoine òga ann an Alba a tha airson com-pàirteachadh agus adhartachadh ann an spòrs. 

 

#PlayingOurPart2018: Clann Mhic Còmhghain

Tha na parailimpich Scott agus Jamie MacCòmhghain air a bhith a’ cluich ann am farpaisean boccia airson còrr air deich bliadhna. Tha iad a’ faotainn taic bho Boccia UK agus institiùd spòrs spòrsalba ach tha am pàrantan, Gary agus Linda, cuideachd làn dealasach a thaobh an cuideachadh gu an amasan a choileanadh. Faighibh a-mach mun sgeul air cùl an iomairt teaghlaich seo ann an spòrs. 

 

Faighibh a-mach tuilleadh

Is e Gabhail Ar Pàirt: geàrr-iomradh air adhartas aithisg bhliadhnail spòrsalba 2017-18. 

Tadhailibh air duilleag dachaigh Gabhail Ar Pàirt gus an dàta a rannsachadh a tha a’ taisbeanadh ar n-adhartais on Ghiblean 2017 gu Am Màrt 2018.

Tha an aithisg seo a’ còmhdach na trìtheamh bliadhna de phlana corporra 2015-19: Togail na h-Ìre. Tha e a’ ceadachadh dhuinn ar n-adhartas a mheasadh a thaobh coileanadh air ar tomhasan buaidh. 

Faodaidh sibh cuideachd Gabhail Ar Pàirt a lorg còmhla ri aithisgean bliadhnail eile air làrach-lìn spòrsalba.  

A bheil sibh air ur brosnachadh?   

Ma chaidh ur brosnachadh le #PlayingOurPart agus gum bu mhath leibh pàirt a ghabhail no pàirt nas motha a ghabhail ann an spòrs, theirigibh gu duilleag dachaigh làrach-lìn spòrsalba no gu aon de na h-earrannan a leanas:

A bheil sibh airson innse dhuinn mu dheidhinn?  

Bu mhath leinn gu mòr cluinntinn air ais bhuaibh mu #PlayingOurPart2018 ann an earrann nam beachdan gu h-ìosal, no faodaidh sibh fios a chur gu an sgioba conaltraidh aig spòrsalba. 

Share links

Related Articles

#PlayingOurPart2018 case studies

Playing our part in 2018

How a world class sporting system helps people participate and progress

Read More
North Queensferry Primary School

Our 2018 highlights

Sport is changing lives right across Scotland

Read More
#PlayingOurPart sportscotland Martin Perry, Bethan Goodwin, Carly Edward and Gavin Byers

Playing our part

How a world class sporting system helps people participate and progress

Read More