Clann sgoile is sgoil-àraich san Aghaidh Mhòr cur taic ri Geamannan Oilimpigeach a’ Gheamhraidh

Tòisicheadh na Geamannan

Clann sgoile is sgoil-àraich san Aghaidh Mhòr cur taic ri Geamannan Oilimpigeach a’ Gheamhraidh

Chomharraich còrr air 300 pàiste sgoile san Aghaidh Mhòr seirbheis fosglaidh Geamannan Oilimpigeach a’ Gheamhraidh ann an stoidhle agus iad a’ feuchainn a-mach diofar gheamannan sneachd, a’ coinneachadh ris a’ bhana-ghaisgeach Oilimpigeach Ingrid Grant agus a’ faighinn teachdaireachd bho nighean ionadail, Lesley McKenna ann am PyeongChang.

Chaidh Spòrs An Toiseach a chèilidh orra a dh’fhaicinn ciamar a chaidh an latha speisealta aca.

Oidhirp sgioba

Bha a’ bhoil ri fhaireachdainn san èadhar reòite agus Bun-sgoil is Ionad Coimhearsnachd an Aghaidh Mhòir ag ullachadh airson latha de shubhachasan aig Geamannan Oilimpigeach a’ Gheamhraidh. Bha na clasruman air an tionndadh gu sònaichean ‘thig is feuch’ airson diofar gheamannan sneachd, le clubaichean is saor-thoilich a’ cur suas stanndan acainn, uidheam agus fiosrachaidh.

Bha ceannard, tidsearan is luchd-obrach bho Spòrs Gàidhealach High Life, guh-àraid oifigearan Ionadan Spòrs Coimhearsnachd, Dòmhnall Hall is Ceitidh Matthews, agus an co-obraichean bho Leabharlannan is Goireasan, air an latha seo a phlanadh gu cùramach do na daoine òga agus na clubaichean, agus cha robh na choilean iad dad goirid air ìre Oilimpigeach.   

Cèicichean leis an tèama Oilimpigeach orra le Rebecca Dargie ann am P6

Stèiseanan gnìomh

Bha an 300 pàiste bun-sgoile comasach air gluasad eadar taisbeanadh mìorbhaileach de spòrs geamhraidh, air an coidseadh ’s air an cuideachadh le eòlaichean sna clubaichean ionadail. 

Bha Club Sgithidh a’ Mhonaidh Ruaidh, Club Bòrd-shneachd a’ Mhonaidh Ruaidh, Spòrs Shneachd Chiorraman RA, Club Biathlon is Sgithidh Lochlannach a’ Mhonaidh Ruaidh, Comann Spòrs Shneachd Sgoiltean Bhàideanach is Shrath Spè,  Beinn a’ Mhonaidh Ruaidh agus Sgitheadh is Bòrd-shneachd Bhreatainn uile air an riochdachadh air an latha, a’ taisbeanadh an geamannan is cothroman spòrs guh-ionadail sna clubaichean aca.  

Thug lùth-chleasaichean òg an àma ri teachd bho chlubaichean ionadail sgithidh is crolaidh, an comhaoisean tro ghluasadan an spòrs agus cuideachadh dhaibh  fhad ’s a bha iad a’ cluich ’s a’ cleachdadh.

Bha cothrom aig a’ chloinn a b’ òige san sgoil-àraich air cliopan bhidio a choimhead a bha a’ cur diofar spòrsan an aithne dhaibh, dathadh dhealbhan den spòrs a b’ fheàrr leotha agus àm stòiridh – air a stiùireadh le sgioba an leabharlainn agus ùghdar ionadail, Nancy Chambers, leis an leabhar aice Molly and Eddie Go Skiing air an robh uimhir a mheas aig an luchd-èisteachd.  

Dh’fhàs Ingrid Grant suas sa choimhearsnachd ionadail, agus ghabh i pàirt do Bhreatainn ann an Geamannan Oilimpigeach a’ Gheamhraidh 1988 ann an Grenoble. Ghabh i pàirt sna subhachasan agus bhrosnaich i a’ chlann, a’ taisbeanadh a h-uidheamachd Oilimpigeach agus ag innse mar a thòisich i.

Gailearaidh Dhealbhan

Mòmaidean nam Bonn

An dèidh boil nan seiseanan gnìomhach, chruinnich an sgoil san talla a choimhead air cliop bhidio bho Oilimpigeach eile, Lesley McKenna, a-nis na Manaidsear sgioba air Sgitheadh is Bòrd-shneachd Bhreatainn ann am PyeongChang. Bhrosnaich a facail a’ chlann gus cumail a’ dol le spòrs shneachd agus a bhith a’ frithealadh club ionadail. Thog i cuideachd air Geamannan Geamhraidh Lecht a’ tachairt air 17/18 Gearran, a’ tabhach àm mìorbhaileach do mhuinntir an t-sneachd, de gach diofar aois is comas. 

Bha an fharpais phostairean na bu thràithe air sgeadachadh sàr-mhath a thoirt gu buil airson a’ bhùird taisbeanaidh Oilimpigich anns an ionad coimhearsnachd rin taobh, agus chaidh na buannaichean ainmeachadh agus duais de dh’uidheamachd sneachd a bhuileachadh orra. Thug Ingrid agus an luchd-obrach bho High Life Highland seachad buinn don chloinn sin a bha air dèanamh fìor mhath nan gnìomhachdan tron latha sin. 

Factar an t-sneachd

Tha an Aghaidh Mhòr air barrachd lùth-chleasaichean Oilimpigeach a bhuileachadh a rèir gach aon den àireamh-sluaigh, na àite sam bith eile san RA, le 16 neach a’ tighinn às an sgìre seo. Mar a bha an tachartas a’ tighinn gu crìch, agus an sgoil ’s an luchd-obrach ag amharc air an t-seirbheis fosglaidh bho PyeongChang air an sgrion mhòr, bha e faireachdainn mar nach biodh e fada gus am biodh an cunnt de 16 air a leudachadh.

Faigh tuilleadh fiosrachaidh

Tha mòr-ionadan spòrs coimhearsnachd a’ tarraing còmhla clubaichean spòrs agus prìomh chom-pàirtichean ionadail a tha airson comas spòrs sa choimhearsnachd a leasachadh agus fhàs. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu mhòr-ionadan spòrs coimhearsnachd High Life air an làraich-lìn aca. 

Leanaibh #ScotsOnTeamGB a’ farpais aig Geamannan Oilimpigeach a’ Gheamhraidh agus thoiribh sùil air ar Sport First infographic gus faighinn a-mach cò tha an sàs anns na diofar spòrsan.  

Share links

Related Articles

Aviemore Primary School celebrates the 2018 Winter Olympics

Let the Games begin

School and nursery children in Aviemore get behind the Winter Olympics

Read More
Shetland 1 (3).JPG

Kit for All

A pathway for sustainable sport

Read More
Handball team in action

Focus on ... handball

School links enable sport to engage communities and young people

Read More