Zap 9420

Fosgailte do na h-uile

Club Obar Dheathain a’ lìbhrigeadh chothroman spòrs do dhaoine òga

Tha Acadamaidh Teanas Bùird ann am Baile Spòrs Obar Dheathain (ASV) a’ cur às do bhacaidhean air spòrs do dhaoine òga bho sgìrean de theachd-a-steach ìosal agus daoine bho choimhearsnachdan cinnidheach eadar-mheasgte. 

Thòisich teanas bùird aig ASV ann an 2011, an toiseach mar phìleat dà oidhche san t-seachdain, ach dh’fhàs e gu luath gu bhith na acadamaidh shoirbheachail a tha a’ ruith chun an latha an-diugh.

A thuilleadh air an acadamaidh, aig a bheil cluicheadairean gu làithreach bho 8-17 bliadhna a dh’aois, tha àireamh de ghnìomhachdan teanas bùird eile a’ ruith gach seachdain a tha a’ gabhail ri diofar aoisean is comasan uile. Tha seiseanan gan ruith gu sònraichte do dhaoine nas sine, le daoine sna 70an agus na 80an a’ gabhail pàirt.

Tha an acadamaidh air a ruith le Max Singer, Àrd-Choids a tha air a bhith a’ coidseadh spòrs on a stad e a chluich ann an 1988.  Tha prìomh phàirt de obair co-cheangailte ri tadhalan cunbhalach air sgoiltean a tha ionadail do ASV, sa chiad àite ann an sgìrean air teachd-a-steach ìosal, gus seiseanan beaga an-asgaidh a thoirt seachad agus daoine òga a bhrosnachadh gu pàirt a ghabhail.

Thathar a’ misneachadh phàrantan cuideachd a thighinn agus cuideachadh ma tha ùidh aca, tha grunn phàrantan air sin a dhèanamh agus on uair sin air teisteanasan coidsidh a ghabhail os làimh. Tha seo air leantainn gu coimhearsnachd teanas bùird in-ghabhalach a chruthachadh le coidsichean is compàirtichean bho dhùthchannan leithid A’ Ghearmailt, Nigèiria, na h-Ìnnsean, An Ruis agus A’ Phòlainn.

Thuirt Max Singer: “Tha a bhith fosgailte agus in-ghabhalach air eòlas nan cluicheadairean agus coidsichean uile àrdachadh gun teagamh sam bith, agus air cultar a chruthachadh a tha a’ cur taic agus a’ brosnachadh gach neach a tha an sàs gu an ìre as àirde aca san spòrs, a ruighinn.

“Nuair a bhios mi a’ tadhal air sgoiltean, is e an t-amas an spòrs a chur an aithne dhaibh, a dh’fhaicinn an còrd e riutha agus uaireannan cuid a lorg le tàlant nàdarra air a shon. Thathar a’ tabhann a’ chothruim dhaibh a thighinn agus tha a’ chiad dà sheisean air a thoirt dhaibh an-asgaidh. Tha sinn a’ feuchainn ri an cuideachadh cho fada ’s as urrainn dhuinn a thaobh cosgais.

“Tha mòran chloinne a’ tighinn thugainn bho na sgoiltean a-steach don acadamaidh. Bidh cuid ag adhartachadh gu ìre mhath, cuid nach bi, ach ma tha an spòrs a’ còrdadh riutha tha sin math gu leòr dhòmhsa.

“Tha mòran saor-thoilich againn a bhios a’ tighinn a chuideachadh agus a tha nan cluicheadairean matha cuideachd, tha sin na chuideachadh mòr. Tha sin a’ ciallachadh gun urrainn dhuinn aire gu leòr a thoirt do gach cluicheadair a thaobh coidseadh aon-ri-aon gus am fàs iad nas fheàrr.”

A thuilleadh air cothrom a thoirt do na daoine òga feuchainn air an spòrs, tha slighe shoilleir ann gu chluicheadairean a chuideachadh gu a dhol suas na h-ìrean. agus tha sin air dearbhadh glè shoirbheachail.

 

Thuirt Max cuideachd: “Tha seiseanan againn do chluicheadairean as dòcha nach eil aig ìre a dhol don acadamaidh. Tha sin a’ toirt dhuinn ùine air obrachadh còmhla riutha airson am measadh agus a’ toirt cothrom cluiche dhaibhsan. Ma dh’adhartaicheas iad gu ìre shònraichte agus gu bheil mi den bheachd gu bheil iad deiseil, thèid cothrom a thoirt dhaibh a dhol don acadamaidh.

“Tha sinn air àireamh de chluicheadairean a thoirt gu buil gus Alba a riochdachadh aig diofar ìrean.  Aig ìre sgoile, ìre bun-sgoile agus ìre òigridh. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mu 25 cluicheadair air Alba a riochdachadh aig ìre air choreigin.”

Thuirt Kishi, cluicheadair aig an acadamaidh: “Tha faireachdainn misneachail ann agus tha gach neach glè bhàidheil. Tha mi air mòran charaidean a dhèanamh an seo thar nam bliadhnaichean.”  

Dh’fhosgail Baile Spòrs Obar Dheathain, com-pàirteachas eadar Comhairle Baile Obar Dheathain, Oilthigh Obar Dheathain agus spòrsalba, ann an 2009. Thug an aitreabh a chosg £28 millean togail do sholar spòrs san Ear-Thuath le goireasan aig sàr-ìre airson raon de dhiofar sheòrsaichean spòrs uile san aon togalach. An-diugh, tha e a’ frithealadh raon de spòrs leithid lùth-chleasan, badmantan, dàibheadh, ball-coise, ball-lìn, rugbaidh, sguais, snàmh agus triathlon a thuilleadh air àite trèanaidh do lùth-chleasaichean gnìomhaidh.

Fhuair an Acadamaidh Teanas Bùird taic bho Inbheisteadh Dìreach Cluba aig spòrsalba (DCI), maoin leasachaidh cluba maoinichte leis a’ Chrannchur Nàiseanta. Cheadaich seo do bhall den luchd-obrach fhastadh gu sònraichte airson taic don Acadanmaidh Teanas Bùird – dreuchd a tha air cumail a’ dol tro chosnadh ann am Baile Spòrs Obar Dheathain. Chaidh dreuchd eile a chur ris tro dhàrna cuairt de inbheisteadh a tha ag amas air leasachadh spòrs a mheudachadh air feadh na roinne.

Thuirt Richard Yule, Prìomh Oifigear Obrachaidh aig Teanas Bùird Alba: “Tha e anabarrach math a bhith a’ faicinn na h-obrach a tha Max agus gach neach ann an Acadamaidh Teanas Bùird Baile Spòrs Obar Dheathain a’ coileanadh, gus an spòrs a chur an aithne do dhaoine òga agus a’ cuideachadh dhaibh adhartachadh mar chluicheadairean agus mar dhaoine.

“Tha Teanas Bùird Alba dealasach mu teanas bùird a dhèanamh na spòrs in-ghabhalach do na h-uile, aig am bi buaidh mhaireannach air coimhearsnachdan ionadail agus tha Acadamaidh Teanas Bùird Baile Spòrs Obar Dheathain na sàr eisimpleir den sin.” 

Share links

Related Articles

Zap 9322

Sport For Life 23: Aberdeen Sports Village Table Tennis Academy

Young people from a range of backgrounds are enjoying table tennis

Read More
Amina 4

Breaking Barriers

A new partnership is helping remove barriers to sport for a group of women in Dundee 

Read More
Wester Hailes Csh 1

Wester Hailes United

Football project set out to strengthen unity and reduce hate crime

Read More