Physical preparation coach Euan Macleod oversees an athletics session in the Western Isles

Siostam dha Alba air fad

Fiù ann an àiteachan far a bheil siubhal na dhùbhlan, tha spòrs a’ soirbheachadh

Bho Leòdhas gu Lèiriuig, tha daoine òga às gach coimhearsnachd ann an Alba a’ faotainn na taic a dh’fheumas iad gus com-pàirteachadh agus adhartas a dhèanamh ann an spòrs.

Ann an cuid de cheàrnaidhean ann an Alba, tha cruinn-eòlas na dhùbhlan mòr mar thoradh air cosgaisean agus freagarrachd siubhail, mar sin ciamar a tha lùth-chleasaichean le miann air spòrs à sgìre na Gàidhealtachd – agus gu h-àraid na h-eileanan – a’ faighinn seachad air cnapan-starra den leithid sin gus an t-adhartas aca a chumail a’ dol?

Tha siostam spòrs ìre chruinneil na h-Alba air a dheilbh airson gach neach ann an Alba a fhrithealadh, agus tha prògraman mar Sgeama Duais Siubhail nan Eilean agus Plana Leasachadh Gnìomhaidh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (PDP) ga dhèanamh nas fhasa do lùth-chleasaichean òga a dhèanamh cinnteach nach eil an t-àite sa bheil iad a’ fuireach a’ toirt buaidh gun adhbhar air an ìrean gnìomhaidh.

Tha na slighean a tha a-nis rim faotainn le daoine air feadh na sgìre mar thoradh air co-obrachadh eadar ùghdarrasan ionadail agus spòrsalba tro Bhuidheann Ceannais Sgìreil na Gaidhealtachd’s nan Eilean.

Tha sinn a’ còmhradh ri lùth-chleasaiche à Arcaibh agus coidse às na h-Eileanan Siar gus fhaighinn a-mach mar a tha siostam co-fhillte ga dhèanamh comasach do dhaoine à coimhearsnachd sam bith ann an Alba àrd-amasan is dùilean a choileanadh.

 

Mia NicAlasdair, snàmhaiche

“Thòisich mi a’ snàmh aig ochd bliadhna a dh’aois agus tha mi air adhartachadh gu an ìre far na ghabh mi pàirt ann am Mòr-Fharpaisean Bhreatainn sa Mhàrt 2018.

Mia McAllister

“Tha mi a’ còmhnaidh ann an Arcaibh agus tha a bhith a’ fuireach air eilean a’ ciallachadh dìth chothroman agus choidsichean a tha ri làimh do shnàmhaichean a tha a’ còmhnaidh air tìr-mòr. Faodaidh e a bhith duilich a bhith faireachdainn co-cheangailte ris a’ chòrr de choimhearsnachd shnàmh na h-Alba.”

“Air an làimh eile, tha còmhnaidh air eilean a’ fosgladh a-mach chothroman nach biodh rim faotainn leothasan air tìr-mòr. Bha cothrom agam Arcaibh a riochdachadh aig Geamannan nan Eilean sa bhliadhna 2017 ann an Gotland san t-Suain, agus ’s e dòigh mhìorbhaileach a tha seo air eòlas a chur air farpaisean àrd-inbheil eadar-nàiseanta.

“Thàinig agam air faighinn seachad air cuid de na dùbhlanan an lùib còmhnaidh air eilean le bhith a’ conaltradh ri coidsichean eile a tha air mo chuideachadh ann an leasachadh nan seiseanan trèanaidh làitheil agam, còmhla ri solarachadh taic.”

 

Maoineachadh siubhail

“Tha Sgeama Duais Siubhail nan Eilean a’ lùghdachgadh chosgaisean siubhail a tha an lùib a bhith frithealadh fharpaisean no champaichean trèanaidh air tìr-mòr. Tha e air comas a thoirt dhomh cuideachd ùine a chur seachad ann an Sealtainn a’ trèanadh aig Club Snàmh Farpaiseach Neo-dhreuchdail Shealtainn, air a stiùireadh le coidse a tha a’ toirt dhomh taic leantainneach làitheil ann an leasachadh mo chomais snàmh.

Mia McAllister

“Tha an sgeama seo ga dhèanamh mòran nas fhasa tachartasan a fhrithealadh agus greimeachadh air cothroman a tha gan lìbhrigeadh air tìr-mòr.”

Taic gnìomhaidh

“Tha am PDP a’ toirt cothrom dhomh air seiseanan neartachaidh cunbhalach agus òraidean is co-labhairtean mu mheasgachadh farsaing de chuspairean, leithid beathachadh agus ro-innleachdan a thaobh neart inntinn, uile ag amas air mi fhìn agus na lùth-chleasaichean PDP eile a leasachadh a dh’ionnsaigh ìrean àrda gnìomhaidh.

“Tha na seiseanan neartachaidh gu h-àraid air cuideachadh le piseach mòr a thoirt air mo neart, a tha ag amalachadh gu math leis an obair a tha mi a’ dèanamh san amar-snàmh, a’ meudachadh cumhachd anns na stròcan agam.

“Tha a bhith nam lùth-chleasaiche air program air a ruith le institiùd spòrs spòrsalba gam cheangal ri càch air tìr-mòr as urrainn an leasachadh agam mar lùth-chleasaiche a chuideachadh.”  

Eadar-ghluasad gu oilthigh

“Bidh mi a’ dol don oilthigh air tìr-mòr san t-Sultain 2018 agus tha mi air taic fhaotainn bho spòrsalba (A’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan) a bhios deatamach ann an cuideachadh leis an eadar-ghluasad agam.

“Tro spòrsalba tha mi air eòlas a chur air coidsichean PDP agus snàmh leis am faod mi a bhith ag obair nuair a thòisicheas mi san oilthigh. Tha cothrom air a bhith agam pàirt a ghabhail ann an seiseanan buidhne far a bheil spòrsalba air ealantas Performance Lifestyle a thoirt seachad, a’ deasbad thaobhan co-cheangailte ri m’ amalachas don oilthigh agus gam stiùireadh gu bhith a’ togail cheanglaichean dhomh fhìn.”

 

Euan MacLeòid, coidse / oifigear ionaid

“O chionn sia no seachd bliadhna, bha mi ag obair mar oifigear leasachaidh ghoireasan spòrs a-muigh ann an Steòrnabhagh agus fhuair mi fhìn còmhla ri dithis eile, cothrom bho institiùd spòrs spòrsalba a bhith nam choidse neartachaidh fo PDP.

Euan Macleod

“Bha meantar agam, Iain Coogans, a bha a’ tighinn suas gach dàrna seachdain agus gam thoirt tron phròiseas gu bhith aithnichte mar choidse institiùd an S&C.

“Thòisich sinn ag obair le dà ghoilfear agus tha am PDP air fàs thar nam bliadhnaichean le barrachd is barrachd lùth-chleasaichean a’ tighinn na lùib.”

Ceanglaichean coimhearsnachd

“Anns na h-Eileanan an Iar, tha ionadan spòrs coimhearsnachd againn ann an Nis, air a’ Bhac, ann an Steòrnabhagh, na Hearadh, Lìonacleit is Uibhist a Deas agus tha Barraigh ga leasachadh gu làithreach. Bidh mise a’ coimhead às dèidh nan eilean aig tuath agus tha Caoimhin Moireasdan a’ gabhail cùram nan eilean aig deas, agus o chionn trì bliadhna chaidh dreuchd oifigear ionadan spòrs coimhearsnachd a thairgsinn dhomh.

“Is urrainn dhomh an dà dhreuchd a chothromachadh agus tha cuid de thaobhan dhiubh a tha ag obair glè mhath còmhla. Leis an ionad a tha mi a’ feuchainn ri leasachadh a-nis anns na Hearadh, tha iad airson feabhas a thoirt air a’ bhun-structar coidsidh aca.

“Tha mòran chloinne agus mòran saor-thoilich aca, agus mar sin tha sinn air bùithtean-obrach a chur air dòigh gus coidsichean ùra a chuideachadh gu an sgilean ID air tàlant a leasachadh agus prògraman neartachaidh a deilbh.”

Tòiseachadh tràth

“Tha sianar lùth-chleasaichean sa bhuidheann PDP agam ann an Steòrnabhagh agus bidh iad a-nis a’ tighinn a-steach don talla-spòrs aig 7.30 sa mhadainn. Aig an toiseach, dh’fheuch sinn ri seiseanan  S&C a ruith às dèidh na sgoile ach cha robh e ag obair oir cha robh na seiseanan a’ ceadachadh tìde airson leasachadh ceart.

“Dh’fhaighnich sinn do na lùth-chleasaichean an tigeadh iad a-steach ron sgoil agus bha iad toilichte sin a dhèanamh. Is fìor thoil leis a’ chloinn e.

Kevin Morrison oversees a session on Benbecula

“Fiù tro shaor-làithean samhraidh na sgoile nuair a bhios beagan a bharrachd sùbailteachd agam, dh’fhaighnich sinn an robh iad airson seisean nas anmoiche a dhèanamh agus cha robh. Tha aon phàiste fiù ’s a’ tighinn dà thuras san t-seachdain à Nis a tha 45 mionaidean air falbh. Agus tha e fìor fhreagarrach do na coidsichean spòrs oir chan eil e a’ toirt buaidh air an tìde aca nas fhaide air adhart san latha.

“Tha buaidh air a bhith aig an seo air nithean eile. Bidh mise a’ coidseadh sgioba ball-coise nam ban sna h-Eileanan an Iar agus thòisich iad a’ tòiseachadh a’ tighinn a-steach a thrèanadh aig 7.30m, agus an uair sin thòisich sgioba nam fear agus an uair sin cho-dhùin sgioba na h-òigridh tòiseachadh a’ trèanadh aig an aon àm.  

“Tha seo a-nis a’ tachairt fad na bliadhna a dh’aindeoin na seòrsa aimsire. Tha an t-ionad spòrs againn ann an Steòrnabhagh le trac nan lùth-chleasaichean agus tha cothrom againn cuideachd air talla-spòrs eile ann an Grianan, a tha beagan nas blàithe.”

Tha e ag iarraidh dealas … agus maoineachadh

“Bidh sinn tric a’ bruidhinn air mac-samhail de na tha a’ tachairt air tìr-mòr fheuchainn ach chan eil e an-còmhnaidh comasach sin a dhèanamh.  Ach ma ghabhas tu eisimpleir snàmhaiche à Oilthigh Shruighlea, tha iad a’ trèanadh 27 uairean san t-seachdain. Bha Kara Hanlon na lùth-chleasaiche eileanach am-bliadhna agus bha i againn suas ri 21 uair a thìde san t-seachdain, a thuilleadh air sgoil agus a h-obair Disathairne.

“Bha Kara glè fhaisg air faighinn a-steach gu com-pàirteachadh ann an Geamannan a’ Cho-fhlaitheis mar lùth-chleasaiche eileanach fon PDP, agus tha sin a’ dearbhadh gun urrainn dhuinn seo a dhèanamh.”

“Tha Sgeama Duaisean Siubhail nan Eilean air a bhith mar nì a tha fìor mhath. Tha tabhartasan siubhail de £1,500 air a bhith mìorbhaileach ann am pàigheadh chosgaisean air an giùlain le teaghlaichean a’ cur taic ri clann mar lùth-chleasaichean barraichte.”  

San fharsaingeachd

“Tha ar ceanglaichean le clubaichean làidir tro na mòr-ionadan agus bidh mòran choidsichean chlubaichean a’ frithealadh nam bùithtean-obrach againn. Tha sinn fad na tìde ag obair a dh’ionnsaigh siostam spòrs amalaichte agus adhartas a dhèanamh leis an dòigh sam bi sinn a’ togail cheanglaichean le sgoiltean, gu h-àraid ann an sgìrean dùthchail.

“Is e aon nì a tha fàbharach dhuinn gun urrainn dhuinn sgioba a chur gu Geamannan Eileanan NatWest gach dàrna bliadhna, a bhios ag obair mar fho-shruth a thaobh mura h-eil comas aig lùth-chleasaichean air an ìre bharraichte a choileanadh, gu bheil dàrna ìre ann a tha gar comasachadh gu ìrean com-pàirteachaidh a chumail àrd.”

Molaidhean don t-siostam

Thuirt Chris Hildrey, manaidsear gnìomhaidh roinneil na Gàidhealtachd ’s nan Eilean aig spòrsalba:  “Tha am PDP a’ toirt buaidh air bun-structar shlighean gnìomhaidh ionadail air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean a thuilleadh air àrainneachdan gnìomhaidh ionadail a neartachadh.

"Tha am program a’ toirt lìbhrigeadh dìreach agus leasachadh pearsanta leantainneach do lùth-chleasaichean, solaraichean seirbheis agus coidsichean anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan.  

“Tha teaghlaichean a’ fuireach sna h-eileanan a tha a’ feuchainn ri adhartas càileachdail spòrs a choileanadh, ag obair glè chruaidh gus a dhèanamh cinnteach gu bheil cothroman trèanaidh ceart agus farpaisean ruigsinneach dhaibh agus mar sin tha sinn air leth toilichte gu bheil Sgeama Duaisean Siubhail Lùth-chleasaichean a’ tabhann taic a tha a’ dèanamh diofar mòr.

“Tha càileachd an adhartais is lìbhrigidh ionadail sna h-Eileanan tron dà phrògram ag innse an dealais agus an taic bho ar com-pàirtichean agus bhon sgioba-obrach spòrs ionadail. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri leantainn ag ath-neartachadh agus a’ fàs nam prògraman gus a dhèanamh cinnteach gu bheil feumalachdan ionadail gan aithneachadh agus air an goireasachadh gu h-iomchaidh, far an gabh sin a dhèanamh.”

Thuirt Garry Burton, manaidsear sheirbheisean spòrs is chur-seachadan aig Comhairle Eileanan Arcaibh: “Chruthaich PDP siostam eileanach a tha a’ solarachadh lùth-chleasaichean le ruigsinneachd air seirbheisean / trèanadh agus coidseadh nach deigheadh aca air fhaotainn air dhòigh eile ach air tìr-mòr.

“Mar thoradh air suidheachadh cruinn-eòlais Arcaibh, tha cosgaisean siubhail do lùth-chleasaichean a’ frithealadh trèanadh is farpaisean air tìr-mòr, nan cnapan-starra mòr don leasachadh leantainneach aca. 

“Ach, le cur an aithne is sgaoileadh air Duaisean Siubhail Lùth-chleasaichean, faodaidh lùth-chleasaichean gnìomhaidh à Arcaibh taic ionmhasail fhaotainn a-nis a dh’ionnsaigh siubhal gu tachartasan farpaiseach no coidsidh, agus mar sin a’ lùghdachadh cnap-starra mòr a thaobh comas leasachaidh nan lùth-chleasaichean à Arcaibh.”

 

Tuilleadh fiosrachaidh

Ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu chothroman spòrs sa choimhearsnachd agad? Thoir sùil air an sgrùdair ionaid againn agus leugh barrachd an seo .

Share links

Related Articles

Glasgow 2014 Frank Bain.JPG

Springboard to success

By supporting its clubs gymnastics can capitalise on the buzz of 2014 and 2015

Read More
Glasgow Rocks

£1m boost for Scottish sport

Funding protects clubs from lost ticket revenue during pandemic

Read More
Physical preparation coach Euan Macleod oversees an athletics session in the Western Isles

A system for all of Scotland

Even in places where travel is challenging, sport is thriving

Read More