Tha fèis coimhearsnachd ann an Ulapul a’ cuideachadh le luchd-còmhnaidh aonachadh, an slàinte inntinn agus sunnd a leasachadh agus an ceangal nas dlùithe don àrainneachd ionadail.
Tha an Fhèis Deagh Fhaireachdainn air a ruith le Ionad Spòrs Coimhearsnachd Ulapuil a’ gabhail a-steach raon de thachartasan neo-fhoirmeil an-asgaidh a tha ag adhartachadh gnìomhachd chorporra, cothroman slàinte inntinn agus sunnd, a thuilleadh air luchd-còmhnaidh a chuideachadh gu ceangal a dhèanamh le an coimhearsnachd agus an àrainneachd ionadail.
Tha Ulapul mar aon de 200 ionad air feadh Alba a tha a’ misneachadh chlubaichean spòrs agus bhuidhnean coimhearsnachd gu bhith ag obair còmhla gus feumalachd ionadail a thuigsinn, agus cothroman a sholarachadh do gach neach gu pàirt a ghabhail ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra.
Mun fhèis
An dèidh soirbheachas a’ chiad tachartais ann an 2019, chaidh an Fhèis Deagh Fhaireachdainn a chumail aig deireadh na Samhna 2020. Thàinig am beachd bho bhuidheann obrach taobh a-staigh an ionaid, a bha a’ coimhead ri togail air a’ chlàr-obrach slàinte is sunnd, a bha stèidhichte mar-thà anns a’ choimhearsnachd.
Ann an com-pàirteachas le buidhnean ionadail agus buidhnean nàiseanta treas-roinne, clubaichean ionadail, buidhnean, saor-thoilich agus gnothachasan, thaisbean an fhèis na tha aig Ulapul agus na sgìrean mun cuairt ri thabhann tro raon measgaichte de thachartasan agus phròiseactan, agus aig an aon àm a’ cuideachadh dhaoine gu tuigse nas fheàrr fhaotainn air na dh’fhaodas buaidh a thoirt air slàinte inntinn.
Rinn an t-oifigear cluba conaltradh le com-pàirtichean airson cuideachadh leis an fhèis adhartachadh agus cuideachd tachartas a ruith co-cheangailte ris an speisealachd aca. Bha gach tachartas an-asgaidh do chom-pàirtichean agus bha seo gu mòr mar thoradh air a’ mhòr-chuid de chom-pàirtichean a bhith a’ toirt seachad an seirbheisean gun chosgais – no aig cosgais glè lùghdaichte.
Thuirt Ceitidh Matthews, oifigear ionad spòrs coimhearsnachd Ulapuil: “Tha iomallachd sòisealta ann an coimhearsnanchdan dùthchail na chùis iomnaidh mar-thà, agus na bhacadh air sunnd inntinneil a chumail suas.
“Tha a’ bhuaidh aig dìth comais air ceangal a dhèanamh leis a’ choimhearsnachd ‘aghaidh-ri-aghaidh’ air a mheudachadh leis a’ ghalar-sgaoilte, mar sin thàinig sireadh dhòighean air dèiligeadh ri seo gu bhith na phrìomh amas don fhèis am-bliadhna.
“Tha sinn fortanach air a’ Ghàidhealtachd oir tha àireamh de phrìomh sheirbheisean is dhreuchdan a’ tighinn fo dhleastanas High Life Highland, a’ gabhail a-steach ionadan spòrs coimhearsnachd, Sgoiltean Gnìomhach agus obair òigridh.
“Tha sgioba High Life Highland fìor mhath againn ann an Ulapul agus bha iad aig teis-meadhain cuideachaidh le fèis na bliadhna-sa a chur air bhonn rè a’ ghalair-sgaoilte.
“Tha an ìre àrd de chonaltradh coimhearsnachd is chom-pàirtichean air a bhith cudromach ann an dèanamh cinnteach à modh-obrach iomlanach is co-obrachail, a’ ceadachadh don fhèis na builean coimhearsnachd agus na builean slàinte is sunnd nas fharsainge a choileanadh.”
Thàinig fichead ’s a dhà com-pàirtiche còmhla gus 18 tachartas a lìbhrigeadh, a’ rangachadh bho rothaireachd beinne agus coiseachd gu seiseanan furachais agus farpaisean-cheist eadar-ghinealach. Bha measgachadh de bhùithtean-obrach agus de ghnìomhachdan air-loidhne agus air a’ bhlàr a-muigh san fhèis, a bha freagarrach don choimhearsnachd air fad rè galar-sgaoilte a’ Choròna-bhìorais (COVID-19), agus a tha air bacadh a chuir air cuid den luchd-còmhnaidh bho an dachaighean fhàgail agus a tha a’ fulang le iomallachd sòisealta mar thoradh air sin.
Pròiseactan slàinte uaine
Le buidheachas do mhaoineachadh tro iomairt Think Health Think Nature, bha an fhèis comasach air tachartasan Slàinte Uaine a ghabhail a-steach airson a’ chiad uair, a’ cuideachadh le a cuid amasan a leudachadh a thaobh daoine fhaighinn gnìomhach agus aig an aon àm ceangal a dhèanamh leis an àrainneachd.
Tha Think Health Think Nature, a b’ àbhaist a bhith fon ainm Com-pàirteachas Slàinte Uaine na Gàidhealtachd, mar aon de ghrunn chom-pàirteachasan taobh a-staigh iomairt “Ar Seirbheis Slàinte Nàdair” aig NatureScot. Tha an Com-pàirteachas air a dhèanamh suas de riochdairean bho NatureScot, NHS na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Eadar-aghaidh Treas Roinne na Gàidhealtachd, High Life Highland agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) a thuilleadh air riochdairean ghnàthaichearan meidigeach.
Còmhla ri maoineachadh airson àireamh de thachartasan, air an lìbhrigeadh tro chom-pàirteachasan ionadail, chaidh pasgain sunnd geamhraidh a chruthachadh agus a sgaoileadh gu 777 neach taobh a-staigh coimhearsnachd fharsaing Ulapuil.
Anns na pasgain, bha raon de ghnìomhachdan, fiosrachadh agus goireasan a bha uile air an dealbhadh gu bhith freagarrach do bhuidhnean a bha doirbh an ruighinn – sgoilearan bun-sgoile, sgoilearan àrd-sgoile, luchd-còmhnaidh thaighean-cùraim, luchd-cleachdaidh ionadan meidigeach agus bancaichean bìdh coimhearsnachd – gus an lorgadh iad dòighean air fuireach gnìomhach agus coimhead às dèidh an slàinte inntinn agus sunnd rè a’ gheamhraidh.
Anns na pasgain bhunaiteach, bha poitean planntrais, todhar-gàrraidh agus sìol no meacanan, gus luchd-còmhnaidh a cheangal le nàdar ge ’r bith càite an robh iad a’ còmhnaidh, cho math ri gnìomhachdan agus eacarsaichean a dh’fhaodadh iad a dhèanamh.
Anns na pasgain cuideachd, bha reasabaidh airson smùthaidh gus luchd-còmhnaidh oideachadh mu bhith ag ithe ann an dòigh nas fhallaine agus an slàinte inntinn a leasachadh, leis a’ mhòr-bhùth ionadail a’ solarachadh bhagaichean de mheasan is de ghlasraich an-asgaidh, a’ ceadachadh do dhaoine a thighinn agus na bagaichean a thogail gus an smùthaidh fhèin a dhèanamh aig an taigh.
Ann an com-pàirteachas leis an neach-ealain ionadail Julia Barton, bha aon de thachartasan Slàinte Uaine a’ brosnachadh na coimhearsnachd gu rannsachadh agus ionnsachadh mu an oirthir ionadail aca le bhith a’ togail sgudal air a’ chladach. Tha am plastaig agus na lìn iasgaich a chaidh a chruinneachadh a-nis deiseil airson a dhol tro phròiseas ath-chuairteachaidh agus an ath-fheumachadh gu buannachd slàinte na coimhearsnachd – thèid ròpan sgibidh a thoirt do na bun-sgoiltean ionadail gus rèis-sgibidh a ruith nas fhaide air adhart am-bliadhna.
Thuirt Toni Clark, oifigear phròiseactan Slàinte Uaine High Life Highland: “Bha mi air leth toilichte a bhith comasach air taic a chur ri tachartasan na Fèise Deagh Fhaireachdainn agus ri pasgain Sunnd a’ Gheamhraidh. Tha a bhith ag obair le ionad spòrs coimhearsnachd Ulapuil air comas a thoirt dhomh fhaicinn mar a dh’fhaodas sgiobaidhean is luchd-obrach HLH coimhead ri tuilleadh ghnìomhachdan Slàinte Uaine a ruith tarsainn na Gàidhealtachd, aig àm nuair a tha barrachd mothachaidh ag èirigh don cheangal eadar nàdar agus sunnd.”
Coimhearsnachd chom-pàirteachail
Tha an fhèis air buaidh a thoirt air 1,081 neach ann an sgìre Ulapuil le 100% de chom-pàirtichean a fhreagair suirbhidh ag ràdh gun robh an Fhèis Deagh Fhaireachdainn air an slàinte inntinn agus sunnd a leasachadh.
Thuirt Ceitidh: “Tha an Fhèis Deagh Fhaireachdainn air CSH Ulapuil a chuideachadh gu modh-obrach cuimsichte air a’ choimhearsnachd a thaobh slàinte is sunnd, a ghabhail os làimh.
“Tha a bhith a’ toirt chothroman com-pàirteachaidh agus cumhachdachadh choimhearsnachdan ionadail, gu h-àraid buidhnean fo ana-cothrom, a’ coileanadh dleastanas deatamach tro thachartasan mar seo a thaobh adhartachadh slàinte agus lùghdachadh neo-ionannachdan.
“Tha co-cheangal le Slàinte Uaine air daoine a chuideachadh gu coimhead ri mar as urrainn dhaibh an eacarsaich ’s an gnìomhachd làitheil a dhèanamh nas seasmhaiche, an dà chuid dhaibh fhèin agus don àrainneachd.
“Thar an dà bhliadhna a chaidh seachad, tha an fhèis air dearbhadh a bhith na modal shùbailte ùr-ghnàthach, a bhios stèidhichte sa chlàr thachartsan ionadail airson bhliadhnaichean ri teachd.
“Is e a tha tlachdmhor fhaicinn, na buannachdan a tha an fhèis a’ tarraing don sgìre ionadail. Tha sinn a’ faicinn meudachadh ann an ìrean gnìomhachd a thuilleadh air dàimhean nas fheàrr gan togail air feadh na coimhearsnachd.
“Tha buaidh dhìleabach chudromach air a bhith aig an Fhèis Deagh Fhaireachdainn le buidheann obrach an Ionaid Spòrs Coimhearsnachd a’ leantainn orra a’ leasachadh àireamh de ghnìomhachdan, a bha mar phàirt de Fhèis na bliadhna seo.”