SF1.jpg

Aim for the Skye

Buannachd do sgoilearan Bun-sgoil Phort Rìgh ann an seisean coidsidh bho ghaisgich ball-coise

Fhuair sgoilearan Bun-sgoil Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach leasan ball-coise bho chaiptean a bha aig Rangers, Lee McCulloch agus Robbie Neilson, cluicheadair is manaidsear a bha aig Hearts, ann an iomairt ùr air a stiùireadh le spòrsalba agus BBC na h-Alba.

Thadhail McCulloch, Neilson agus coidsichean coimhearsnachd Ross County, Gordon Duff agus Ryan Farquhar, ann am Port Rìgh gus leasan coidsidh proifeiseanta a thabhann a bha a’ togail air cudromachd spòrs ann an curraicealam na sgoile.

Ghabh na pearsantachdan ainmeil chun a’ bhlàir a-muigh còmhla ri 34 balach agus nighean airson seisean trèanaidh air an raon-cluiche 3G. Fhuair a’ chlann molaidhean is cuideachadh agus chuala iad sgeulachdan bho bheatha nan dithis ann am ball-coise.

Tàlant

A’ toirt iomradh air an t-seisean trèanaidh, thuirt am manaidsear a bha aig Cille Mheàrnaig, Lee McCulloch: “Tha coidseadh chloinne san Eilean Sgitheanach air a bhith fìor mhath, tha iad air a bhith cho dìoghrasach agus toilichte èisteachd agus sgilean ùra ionnsachadh. Bha an latha gu lèir glè dheimhinneach agus bha e math a bhith ag obair leis a leithid de bhuidheann chluicheadairean òga ball-coise, a bha cho deònach is tàlantach.”

Thugadh sealladh do na sgoilearan air an àite chudromach a tha aig spòrs anns na meadhanan fhad ’s a bha Sportsound, program rèidio BBC na h-Alba, ga chraoladh beò às an sgoil.

Le aoigheachd bho Kenny Macintyre, bha am pannal air a dhèanamh suas à McCulloch, Neilson, an craoladair ball-coise Chick Young agus am prìomh sgrìobhaiche spòrs aig BBC na h-Alba, Tom English.

Ghabh sgoilearan, pàrantan agus luchd-obrach pàirt ann an seisean Ceist is Freagairt leis na pearsantachdan spòrs beò air an èadhar, a’ faighneachd mu dheidhinn amannan cudromach nan dreuchd a thuilleadh air deasbad mu shuidheachadh spòrs ann an Alba.

Inbhe Òir

Tha Duais Spòrs Òir nan Sgoiltean aig Bun-sgoil Phort Rìgh, a tha ag aithneachadh ùr-ghnàthachadh agus coileanadh ann an lìbhrigeadh foghlam corporra agus spòrs taobh a-muigh a’ churraicealaim.

Thuirt ceannard na sgoile, Sara Mathson: “Tha com-pàirteachas spòrsalba agus BBC na h-Alba air cothrom mìorbhaileach a chruthachadh don chloinn againn agus tha sinn air a chleachdadh gus spòrs a chomharrachadh agus ruigsinn a-mach gu ar coimhearsnachd.

"Tha obair còmhla gus an tachartas coidsidh seo a thoirt gu ar sgoilearan agus cothrom a bhith mar phàirt de chraoladh beò air an rèidio, mar nì air am bi cuimhne aig a’ chloinn airson iomadh bliadhna.

Tha e a’ toirt cothrom dhuinn daoine a thoirt còmhla tro spòrs ann an dòigh ùr-ghnàthach agus tha na sgoilearan air bhioran a thaobh a bhith an lùib tachartas mar seo. ’S e fìor dheagh eisimpleir a tha seo de dh’obair com-pàirteachais airson eòlas ionnsachaidh ar sgoilearan a leasachadh.”

Sportsound air an rathad

Mar am buidheann nàiseanta airson spòrs, tha spòrsalba a’ togail siostam spòrs aig ìre chruinneil agus ag obair ann an com-pàirteachas le BBC na h-Alba gus ìomhaigh spòrs a thogail air feadh na dùthcha. ’S e an t-adhbhar airson Sportsound a thoirt air an rathad gus eòlas air am bi cuimhne aca a thoirt do chlann fhad ’s a tha iad an sàs ann an spòrs.

Thuirt an t-Àrd-Oifigear, Stiùbhart Harris: “Aig spòrsalba, tha cur dhaoine òga aig teis-meadhain ar n-oidhirpean na phàirt dheatamach de na tha sinn a’ dèanamh. Ag obair ann an com-pàirteachas le co-obraichean aig a’ BhBC, tha sinn an dòchas mothachadh don spòrs a thogail agus na cothroman a tha rim faotainn.

"Tha e mìorbhaileach gun robh an cothrom aig sgoilearan Bun-sgoil Phort Rìgh trèanadh còmhla ri cluicheadairean a tha air coileanadh aig an ìre as àirde.

“Tro ar Duais Spòrs Sgoile aig Active Schools agus prògraman Thosgairean Òga, tha sinn an dòchas ceanglaichean nas dlùithe a chruthachadh eadar foghlam corporra, spòrs sgoile is spòrs cluba a bhios na bhuannachd do dhaoine òga le bhith a’ solarachadh barrachd chothroman is cothroman nas fheàrr gus pàirt a ghabhail ann an spòrs.”

Faigh tuilleadh fiosrachaidh

Rannsaich cothroman ball-coise san sgìre agad bho Scottish FA.

Ionnsaich barrachd mun Duais Spòrs Sgoile air làrach-lìn sportscotland.

Share links

Related Articles

Fortrose Academy pupils with the coaches

Radio ga ga

Fortrose Academy pupils net top-level coaching

Read More
Portree pupils with the coaches

Skye high

Portree Primary pupils benefit from coaching session with football icons

Read More
South Lanarkshire Leisure - Active Schools Team

Building a workforce

South Lanarkshire’s Active Schools team harness potential of students

Read More