Inverness Royal Academy 3.jpg

Acadamaidh Rioghail Inbhir Nis Deiseil Airson Inbheisteadh Bhon Mhaoin Ghoireasan Rorhaireachd

Dèan àrdachadh airson pròiseactan rothaireachd

Tha Riaghaltas na h-Alba agus spòrsalba air a’ chiad naoi phròiseactan ainmeachadh a fhuair inbheisteadh bhon £8 millean sa Mhaoin Ghoireasan Rothaireachd, a’ gabhail a-steach £40,000 airson lùb sgilean rothaireachd beinne aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis.

Bidh pròiseactan bho na Crìochan chun na Gàidhealtachd a’ co-roinn £1,554,633 gus goireasan ruigsinneach, in-ghabhalach agus brosnachail a leasachadh.

Thuirt Maree Todd, am Ministear Spòrs: “Tha mi air leth toilichte an inbheisteadh seo fhaicinn an lùib phròiseactan rothaireachd coimhearsnachd is cluba air feadh Alba, a thathar an dòchas a bhrosnaicheas barrachd dhaoine gu tòiseachadh a’ rothaireachd gu buannachd an slàinte chorporra, inntinn agus shòisealta. Tha mi airson gun tog sinn air an dìoghras airson rothaireachd am-bliadhna agus fiù barrachd dhaoine fhaicinn a’ taghadh rothaireachd mar chur-seachad agus airson siubhal gnìomhach.

“Tha Alba air a bhith a’ toirt aoigheachd do Mhòr-fharpais Rothaireachd Chruinneil UCI 2023 mar chothrom fìor mhath air cumhachd an rothair a chleachdadh gus ar cuideachadh a’ coileanadh ar n-amasan."

"A thaobh còmhdhail, slàinte agus àrainneachd, a thuilleadh air a bhith a’ cur taic ri gnìomhachas nan tachartasan tro ath-leasachadh.

“Cuiridh am maoineachadh seo taic ris a’ chothrom sin le bhith a’ leasachadh ghoireasan ruigsinneach coimhearsnachd, a’ cuideachadh le ar n-àrd-amasan a thaobh taic a chur ri com-pàirteachadh tarsainn nam buidhnean uile, dèiligeadh ri neo-ionannachdan, agus barrachd dhaoine a chuideachadh gu beatha ghnìomhach a leantainn. Mar phàirt de fhreagairt Alba do ghalar-sgaoilte COVID-19, tha sinn air na mìltean de dhaoine fhaicinn a’ gabhail ris na buannachdan an lùib rothaireachd, agus tha mi an dòchas gum bi an ireapais a thig an lùib sin fhad ’s a tha sinn ag ullachadh a dh’ionnsaigh an tachartais mhòir seo, a’ brosnachadh fiù barrachd dhaoine gu bhith gnìomhach air an rothairean.”

Le Alba deiseil airson aoigheachd a thoirt do Mhòr-fharpaisean Rothaireachd Chruinneil UCI 2023, is e an t-amas gun solaraich a’ Mhaoin Ghoireasan Rothaireachd goireasan ruigsinneach cluba is coimhearsnachd coltach ris an fhear seo aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a tha a’ brosnachadh rothaichean ùra agus làithreach gu rothaireachd a dhèanamh na spòrs beatha.

Tha am pròiseact co-cheangailte ri slighean rothairean beinne gorma, dearga agus orains a thogail, a’ leasachadh ruigsinneachd air rothaireachd taobh a-staigh àrainneachd sgoile, agus a bhios fosgailte don choimhearsnachd airson cleachdadh an-asgaidh tron bhliadhna.

Tha Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis ag amas air taic a chur ri barrachd sgoilearan a tha a’ dèiligeadh ri bochdainn, easbhaidh, duilgheadasan sòisealta, faireachail, giùlaineach agus leasachail, le bhith a’ tabhann dhaibh solar foghlaim eile tro ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh agus cuidichidh a’ phròiseact seo iad gu na h-amasan sin a choileanadh.

Bheir goireas ainmichte cead don sgoil dèiligeadh gu sònraichte ris na buidhnean sin ann an àite sàbhailte glèidhte, a dh’fhaodas iad a chleachdadh mar stèidh airson an stiùireadh gu cuspairean rothaireachd eile. Tha comas aige cuideachd air ceanglaichean coimhearsnachd nas làidire a leasachadh, seiseanan às dèidh sgoile a dhèanamh comasach gun fheum air siubhal, a bhiodh an-asgaidh dhaibhsan as dòcha nach b’ urrainn com-pàirteachadh gu h-àbhaisteach anns an t-seòrsa seo de ghnìomhachd, mar thoradh air dìth airgid.

Thuirt Stiùbhart Harris, Àrd-Oifigear Spòrsalba: “Tha ginealach ùr de rothaichean air a thighinn am bàrr a bha air am brosnachadh leis na lùth-chleasaichean aig na Geamannan Oilimpigeach agus Paralimpigeach ann an Tokyo. Bheir pròiseactan mar an fheadhainn a tha gam maoineachadh san latha an-diugh, cothrom do rothaichean de gach comas com-pàirteachadh agus adhartachadh ann an spòrs, ag ath-riochdachadh nan gaisgeach aca no dìreach airson spòrs is fealla-dhà.

“Tha sinn air ar beò-ghlacadh le àrd-amas agus dealas nan tagraichean don mhaoin seo agus a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla riutha gus am pròiseactan a thoirt gu bith. Tha lìbhrigeadh air an lìonra seo de ghoireasan coimhearsnachd ruigsinneach air feadh Alba an urra ri obair com-pàirteachais, agus tha sinn fortanach gu bheil taic leantainneach againn bho raon de chom-pàirtichean, a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba, Rothaireachd Alba, An Crannchur Nàiseanta, agus cluicheadairean a’ Chrannchuir Nàiseanta.”

A’ cur fàilte air an inbheisteadh, thuirt Nigel Engstrand, Reactar Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: “Tha e glè bhrosnachail am maoineachadh seo fhaighinn bho spòrsalba, a tha gar cuideachadh gu ar n-amasan a thoirt gu buil a thaobh slighe MTB a dh’aon ghnothaich a thogail san raon sgoile. Tha an t-Ionad Rothaireachd air a bhith an-còmhnaidh mu dheidhinn leudachadh air cothrom gu rothaireachd, a’ brosnachadh bhuidhnean fo-riochdaichte agus sgaoileadh nam buannachdan inntinn, sòisealta agus faireachail an lùib a bhith air a’ bhlàr a-muigh, agus leanaidh leasachadh air goireas air an làraich leudachadh air nas urrainn dhuinn a thabhann. Leasaichidh an lùb sgilean ar saor-thoilich agus ar sgioba-obrach, a’ cruthachadh shlighean gu dreuchdan-beatha san roinn a-muigh. Tha sinn airson taing a thoirt do spòrsalba agus ar com-pàirtichean uile airson an taic agus am brosnachaidh.

“Is e ar lèirsinn don àm ri teachd, goireas beòthail fhaicinn ann an àrainneachd baile-mòr Inbhir Nis, air am bi buidhnean agus daoine fa leth a’ tadhal."

"Leis ar daoine òga a’ gabhail seilbh agus uallach don ghoireas, tha sinn an dòchas am brosnachadh gu bhith ga chleachdadh, chan ann dìreach tron làtha sgoile ach air na feasgaran agus deireadh-sheachdain, a thuilleadh air tro sheiseanan bhuidhnean eagraichte.

“Tha sinn cinnteach gum bi ar daoine òga pròiseil às an t-slighe agus às an lùb aca; gun gabh iad uallach air a shon, a’ leasachadh an sgilean teicnigeach agus an càileachdan ceannardais fhad ’s a tha iad a’ neartachadh an sunnd fhaireachail is shòisealta.”

Chaidh a’ Mhaoin Ghoireasan Rothaireachd a stèidheachadh gus togail air an ùidh a bha a’ fàs ann an rothaireachd, le bhith a’ leasachadh lìonra de ghoireasan ruigsinneach gus daoine de gach aois a bhrosnachadh gu an rothairean a chleachdadh agus tlachd a ghabhail à spòrs rothaireachd. Lìbhrigidh e cuideachd buannachd bheanailteach mar phàirt de chinn-uidhe poileasaidh nas fharsainge a’ stiùireadh nam Mòr-fharpaisean Rothaireachd Chruinneil UCI 2023, a bhios a’ gabhail àite ann an Glaschu agus Alba.

Tha ùidh mhòr air a bhith sa mhaoin, a tha fosgailte do chlubaichean, stèidheachdan foghlaim, ùghdarrasan ionadail no urrasan chur-seachadan, buidhnean carthannais, ionadan spòrs coimhearsnachd agus buidhnean coimhearsnachd, a’ taisbeandh an fhìor iarrtais airson goireasan coimhearsnachd den t-seòrsa seo. Chaidh sin a dhèanamh comasach tro ghealltanas de £4millean de mhaoineachadh calpa bho Riaghaltas na h-Alba agus £4millean de mhaoineachadh a’ Chrannchuir Nàiseanta bho spòrsalba. Tha an inbheisteadh sònraichte seo ann am bun-structar ga lìbhrigeadh tro chom-pàirteachas eadar Rothaireachd Alba agus spòrsalba gus a dhèanamh cinnteach gun toir pròiseactan buaidh mhaireannach.

Tha sgoilearan san sgoil air bhioran mu na planaichean. Thuirt Ailsa, 15 (S4): “Is toigh leam rothaireachd-beinne air sgàth 's gur e spòrs a th' ann a 's urrainn dhut a dhèanamh aig àm sam bith den bhliadhna. Tha mi a' coimhead air adhart ris an t-slighe ùr, oir bidh e math dhan a h-uile duine sa chlub. Bidh e ri taobh na sgoile is mar sin 's urrainn dhuinn a chleachdadh gun a bhith siubhal a dh'àite sam bith.”

Thuirt Arran, 13 (S2), cuideachd: “Tha e uabhasach math gu bheil sinn a' faighinn cothrom tighinn còmhla son a' chlub seo. Bidh cothrom agam na sgilean agam a leasachadh gu mòr leis an t-slighe ùr!”

Angus, 14 (S4): “Is fìor thoigh leam rothaireachd-beinne oir bidh thu ga dhèanamh air a' bhlàr a-muigh, is bidh thu a' tadhal air àiteachan àlainn air feadh na dùthcha. Agus cuideachd, bidh e a' fàs gu math dùbhlanach agus tha e math a bhith gad phutadh fhèin. Tha mi a' coimhead air adhart ris an t-slighe oir cha bhi feum agam a bhith a' dol fada air falbh airson na sgilean agam a leasachadh.

"Tha mi a' faireachdainn fortanach gum bi goireas cho math againn dìreach taobh a-muigh na sgoile!”

Thiurt Rona (S2) “Bidh an trac ùr a' toirt dùbhlan dhomh. An-dràsta, chan eil mi a' dèanamh tòrr diofar slighean air an trac air sgàths nach eil slighe freagerach agus inntinneach ann dhomh. Leis an trac ùr, faodaidh na daoine nach eil cho misneachail mar mise barrachd slighean a' cleachdadh oir bidh feadhainn nas freagarraiche ann.”

Share links

Related Articles

SportFirstOrmiston 1 PHOTO CREDIT QUINN PORTER.jpg

Cycling facilities on track

Nine cycling projects receive over £1.5m of investment

Read More
Youth cyclists at a BMX facility

£8m for cycling facilities

Scottish Government and sportscotland launch fund to improve facilities 

Read More
bikes_uci_free6.JPG

Boost for cycling facilities

Six cycling projects receive investment from the Cycling Facilities Fund

Read More