Tha ionad spòrs soirbheachail ann an Siorrachd Pheairt a’ comasachadh do dhaoine sna coimhearsnachdan mun cuairt gu pàirt a ghabhail ann an gnìomhachd spòrs agus corporra fad am beatha.
Chaidh Ionad Madoch a thogadh a dh’aon ghnothaich, a stèidheachadh le Eaglais Paraiste St Madoes agus Kinfauns, na dhachaigh do dh’Ionad Spòrs Gnìomhach St Madoes (SMASH), a’ fosgladh a dhorsan ann an Cars Ghòbhraidh do chòrr air 400 neach gach seachdain.
Bho chlann ro-sgoile agus am pàrantan gu inbhich nas sine, a’ gabhail a-steach daoine le crìonadh-inntinn, tha rudeigin ann do gach neach. Am measg an spòrs a tha ri fhaotainn, tha mion-teanas, badmanton is ball-lìn, iòga suidhichte, aerobics sòisealta agus Zumba.
Thuirt an t-oifigear poilis, Dorian Marshall, 53 bliadhna a dh’aois: “Tha mi fhìn agus mo bhean gu mòr an sàs ann an Ionad Madoch. Mus do dh’fhosgail e, bha sinn a’ smaoineachadh air gluasad air falbh bhon bhaile ach tha e air ar beatha atharrachadh.
“Bidh mi a’ cluich badmanton agus teanas bùird agus a’ gabhail pàirt ann an clasaichean eacarsaich. Bidh mi cuideachd ag obair gu saor-thoileach san ionad, mar a tha mo mhàthair a tha 72 bliadhna a dh’aois. Bidh ise a’ cuideachadh leis a’ bhuidheann crìonaidh-inntinn a bhios a’ gabhail pàirt ann an eacarsaichean suidhichte agus boccia.
“Gu h-inntinneil, gu corporra agus gu sòisealta, tha sinn uile a’ faotainn buannachd às an ionad.”
Mus do dh’fhosgail an t-ionad, thuirt 40 inbheach aois 70 bliadhna agus còrr nach robh iad a’ com-pàirteachadh ann an gnìomhachdan eacarsaich eagraichte. A-nis, tha còrr air 60 neach sa bhuidheann aoise seo a’ gabhail pàirt ann an gnìomhachd gach seachdain.
Ghabh 876 seisean àite ann an 2019/20 le cuibheas de 10.5 com-pàirtiche, le dà thrian dhiubh boireann.
Ged a tha an t-ionad air maoineachadh fhaotainn airson neach-obrach for-ruigheachd spòrs làn-thìde, tha obair shaor-thoileach air a bhith aig teis-meadhain a shoirbheachaidh còmhla ri co-obrachadh dlùth eadar an eaglais, Bun-sgoil St Madoes, trì clubaichean spòrs ionadail agus Live Active Leisure.
Tha a dhà-dheug de na saor-thoilich air duaisean stiùiriche badmantoin a chosnadh o chionn ghoirid, tha 14 air trèanadh boccia a chrìochnachadh, tha còignear air soirbheachadh ann an cùrsa stiùiriche boccia agus tha dithis air soirbheachadh ann an cùrsa stiùiriche deogaidh.
Thuirt Gemma Simpson, oifigear leasachaidh ionad spòrs coimhearsnachd: “Is e an nì as toigh leam mu Ionad Madoch, an dòigh-obrach a th’ aca co-cheangailte ri daoine agus gnìomhachd chorporra, agus an dòigh a chruthaich iad cothroman airson com-pàirteachadh a dh’aindeoin do chomais, aois no ìre beatha.
“Tha e na àrainneachd cho fàilteachail agus mìorbhaileach a bhith a’ faicinn theaghlaichean san t-seòmar mhothachail, no daoine nas sine as dòcha a-staigh airson cupan teatha a’ togail racaid bùird-teanais airson iomairt goirid no com-pàirteachadh ann an clas eacarsaich suidhichte.”
Tuilleadh fiosrachaidh
Faigh a-mach mu chothroman com-pàirteachaidh spòrs ann am Peairt is Ceann Rois air làrach-lìn Live Active Leisure
Faigh a-mach tuilleadh mu ionadan spòrs coimhearsnachd agus lorg an t-ionad as fhaisge air làrach-lìn spòrsalba
Spòrs Fad Beatha: is e ath-sgrùdadh bliadhnail spòrsalba airson 2019-20, an geàrr-iomradh air adhartas.
- Tadhail air duilleag dachaigh a’ phròiseict gus an dàta a thuigsinn, a tha a’ taisbeanadh ar n-adhartais rè na h-ùine Giblean 2019 gu Màrt 2020
- Faigh a-mach tuilleadh mu Spòrs Fad Beatha – ar ro-innleachd chorporra a chaidh fhoillseachadh ann an 2019
- Ùraich d’ fhiosrachadh tro ath-sgrùdaidhean bliadhnail air làrach-lìn spòrsalba.