Chloe Lawson

Spòrs fad beatha: Chloe Lawson

Tosgaire sunnd a’ cuideachadh dhaoine òga le faighinn a-mach mu bhuannachdan spòrs

Tha làn fhios aig Chloe Lawson gun urrainn do dhol an sàs ann an spòrs, do bheatha atharrachadh – agus tha i a-nis a’cuideachadh le mothachadh do na buannachdan sin a thogail am measg dhaoine òga air feadh Alba.

Tha Chloe à Glaschu, a tha 18 bliadhna a dh’aois, anabarrach dealasach a thaobh a’ phròiseict Tosgairean Sunnd, sa bheil 20 neach saor-thoileach a’ mìneachadh do an comhaoisean mar as urrainn do ghnìomhachd chorporra taic a chur ri an slàinte inntinn agus an cuideachadh gu fàs nas fhulangaiche.  

Air a thogail timcheall air iomairt Shell Twilight, tha am pròiseact in-ghabhalach seo air còrr air 2,300 neach a ruighinn ann an 16 coimhearsnachdan air feadh Alba, mar thoradh air na  65 bùth-obrach a tha Chloe agus a co-thosgairean air a lìbhrigeadh.

Chan eil teagamh sam bith aig Chloe gu bheil togail air cumhachd spòrs mar thaic do shlàinte inntinn, air a bhith na dhòigh fhoirfe air an teachdaireachd aca a lìbhrigeadh.

Thuirt i: “Tha mòran daoine òga ag innse dhuinn nach eil iad airson fosgladh a-mach mu shlàinte inntinn a chionn ’s gu bheil eagal orra gun tèid breith a thoirt orra. Ach nuair a chì iad daoine òga eile coltach rinne a’ bruidhinn mu na nithean ceudna, tha iad an uair sin a’ tuigsinn agus lean sin a-mach.

“Tha a bhith a’ ceangal spòrs ri bùithtean-obrach slàinte inntinn ag obair fìor mhath. Tha cuimhne agam air aon sgoil far an tàinig na sgoilearan a-steach a’ slaodadh am bagaichean, glè fhollaiseach nach robh iad airson a bhith an làthair. Thòisich sinn le geamannan agus ann an ùine ghoirid bha iad a’ gàireachdaich, fiamh-ghàireach agus a’ còmhradh. Bha iad dìreach cho toilichte a bhith ag eadar-obrachadh agus a’ cur am faireachdainnean an cèill, fiù ged nach robh iad mothachail dha. 

“Tha am faireachdainn sgiobaidheil a gheibh thu bho spòrs na thogail mòr. Gu h-obann tha thu a’ faireachdainn gu bheil taic agad, agus tha mòran daoine òga ris am bi mi a’ coinneachadh nach eil a’ faighinn sin, eadar gur ann aig an taigh no san sgoil. Ach tha fios againn gu bheil iad dha-rìribh a’ dol an sàs san nì a tha iad a’ dèanamh, agus ’s e faireachdainn iongantach a tha sin.”

Thuirt Chloe cuideachd: “Tha slàinte inntinn agus spòrs co-cheangailte gun teagamh sam bith. Ma tha trom-inntinn air neach sam bith agus am beatha a’ sìor ruith air falbh bhuapa, dh’fhaodadh gum bi iad a’ smaoineachadh nach eil dòigh a-mach às, ach bidh sinn ag obair glè chruaidh gus feuchainn ri sealltainn dhaibh gu bheil dòchas ann. 

“Is e a’ phrìomh phuing, cuidhteas fhaighinn den stiogma an lùib slàinte inntinn, agus am beachd a dhubhadh às gu bheil iadsan a tha a’ strì lag agus nach eil iad làidir gu leòr.”

Is e com-pàirteachas a th’ anns a’ phròiseact eadar Amannan Teachdail Spòrs na h-Alba (SSF) agus Comann Slàinte Inntinn na h-Alba (SAMH) agus fhuair iad inbheisteadh tro Mhaoin Atharrachadh Beatha tro Spòrs is Gnìomhachd Chorporra.

Tha Chloe a’ creidsinn gu bheil a bhith an lùib SSF agus a bhith na Tosgaire Sunnd air cuideachdadh le a fèin-mheas fhèin agus a slàinte inntinn cuideachd.

Thuirt i: “Bha mi mu 13 bliadhna a dh’aois nuair a chaidh mi gu seisean Active East còmhla ri caraid. Aig an àm, bha mi a’ strì le mo shlàinte inntinn, cha robh caraidean agam agus cha robh an sgoil a’ còrdadh rium. Ach cho luath ’s a choisich mi a-steach, smaoinich mi, ‘Tha mi air nì a lorg mu dheireadh thall sa bheil mi airson a bhith com-pàirteach.”

Thòisich Chloe gu dìoghrasach air obair shaor-thoileach a thàinig gu i a bhith na Tosgaire Sunnd, a’ leasachadh bhùithtean-obrach slàinte inntinn aig deireadh-sheachdain chòmhnaidheach ann an ionad trèanaidh nàiseanta spòrsalba ann an Inbhir Chluaidh.  

Thuirt i: “Bha mi air mo bheò-ghlacadh leis a’ bheachd a thaobh daoine òga a bhith a’ lìbhrigeadh do dhaoine òga eile, nì mun robh mi a-riamh a’ faireachdainn làidir. Rè an deireadh-sheachdaine, leasaich sinn na prìomh cheithir bhùithtean-obrach a tha againn gus an latha an-diugh, a tha mi den bheachd a tha mar aon de na prionnspalan fìor chudromach – tha e le daoine òga do dhaoine òga. 

“On uair sin, tha mi air fàs nas misneachaile agus is urrainn dhomh dèiligeadh nas fheàrr ri mo shlàinte inntinn fhìn. Chuidich trèanadh SAMH sinn le molaidhean a chur air adhart gu daoine òga, ach chuidich e sinne cuideachd. Tha sinn daonnan ag ionnsachadh agus ann an dòigh tha mi a’ cur an cèill na tha mi a’ moladh.

“Tha mòran a bharrachd charaidean agam a-nis cuideachd. Bidh sinn a’ cumail choinneamhan Zoom gach latha agus bidh tòrr chòmhraidhean againn agus tha sinn mòran nas fhosgailte mu ar faireachdainnean a dheasbad – agus chan eil nì mì-dhòigheil mu dheidhinn.”

Tha dealas agus dìoghras Chloe ann a bhith a’ cur taic ri sunnd agus fulangas choimhearsnachdan tro ghnìomhachd chorporra agus spòrs, air toradh ann an sreath de dhuaisean.

An dèidh aithneachadh fhaotainn aig Duaisean Coidseadh, Tairgsinn agus Frithealachd (COV) spòrsalba agus Duais Bliadhna nan Daoine Òga ann an 2018, chaidh a h-ainmeachadh sa Ghearran 2020 mar Thosgaire SSF na Bliadhna.

Thuirt Chloe cuideachd: “Tha sinn air daoine òga a mhisneachadh gu pàirt a ghabhail, bruidhinn mu dheidhinn am faireachdainnean agus mar a tha iad a’ faighinn air adhart. Tha sinn gam faicinn a’ gàireachdaich agus ag eadar-chonaltradh, nì a tha math. Faodaidh fiamh-ghàire atharrachadh a dhèanamh air latha neach, mar sin ma gheibh sinn daoine òga uile anns gach àite fiamh-ghàireach, tha fios gu bheil sin math.”

 

Tuilleadh fiosrachaidh

Faigh a-mach tuilleadh mu Tosgairean Sunnd air àrach-lìn Amannan Teachdail Spòrs na h-Alba  

Ionnsaich barrachd mu shlàinte inntinn agus sunnd  air làrach-lìn SAMH

Spòrs Fad Beatha: is e ath-sgrùdadh bliadhnail spòrsalba airson 2019-20, an geàrr-iomradh air adhartas.

  • Tadhail air duilleag dachaigh a’ phròiseict gus an dàta a thuigsinn, a tha a’ taisbeanadh ar n-adhartais rè na h-ùine Giblean 2019 gu Màrt 2020
  • Faigh a-mach tuilleadh mu Spòrs Fad Beatha – ar ro-innleachd chorporra a chaidh fhoillseachadh ann an 2019
  • Ùraich d’ fhiosrachadh tro ath-sgrùdaidhean bliadhnail air làrach-lìn spòrsalba.

Share links

Related Articles

Boccia judge makes a decision

Focus On ... Boccia

How one sport has maintained sporting competition during lockdown

Read More
Alan Murray and others in a boat

Stepping down

Alan Murray's Waterski & Wakeboard Scotland tenure comes to an end

Read More
Judo fight

My sporting life

Coaching helps judo player Rachel develop leadership skills 

Read More