Carolynn Leslie outside Kirkwall Grammar School

Spòrs fad beatha: Carolynn Leslie

Àrd-sgoil Bhaile na h-Eaglaise a’ buannachadh Òir le taic bho Sgoiltean Gnìomhach

Tha spòrs a-nis air fhighe a-steach gu daingeann mar phàirt de chultar agus de fheallsanachd Àrd-sgoil Bhaile na h-Eaglaise – agus tha e uile an urra ri dealas co-cheangailte ri leasachadh leantainneach.

Chaidh inbhe Òir a bhuileachadh air an sgoil seo ann an Arcaibh ann am prògram Duais Spòrs Sgoile spòrsalba maoinichte leis a’ Chrannchur Nàiseanta san Fhaoilleach 2020, a’ crìochnachadh a turas tro Umha agus Airgead gu mullach a’ phòideim.

Na dreuchd mar cho-òrdanaiche Sgoiltean Gnìomhach, tha Carolynn Leslie ag obair cruaidh gus barrachd chothroman agus nas fheàrr a thoirt gu sgoilearan gu com-pàirteachadh agus adhartachadh ann an spòrs.

A’ cleachdadh structar na Duaise Spòrs Sgoile airson leasachadh leantainneach, dh’obraich i gu dlùth leis an roinn PE ann an Àrd-sgoil Bhaile na h-Eaglaise  – air a stiùireadh le Magnus Garson PT – air tagradh na Duaise Òir.  

Thuirt Carolynn à Baile na h-Eaglaise, a tha 27 bliadhna a dh’aois: “Cho-dhùin an Roinn PE aig  toiseach na bliadhna acadaimigich gun dèanadh iad amas air Duais Òir.  Còmhla, thòisich sinn air an tagradh tràth agus sgaoil an naidheachd mun cuairt na sgoile. Bha sinn air ar beò-ghlacadh leis an taic a fhuair sinn bhon àrd-sgioba stiùiridh, tidsearan agus luchd-obrach na sgoile a thuilleadh air dìoghras nan sgoilearan fhèin.

“Thàinig an duais gu bhith barrachd na co-obrachadh eadar PE agus Sgoiltean Gnìomhach – b’ e oidhirp tar-sgoile a bh’ ann.

“Thabhainn tidsearan clubaichean seach-curraicealach a bharrachd a ruith, tursan sgoile a ghabhail,  farpaisean spòrs sgoile eagrachadh agus barrachd. Mheudaich seo cothroman do sgoilearan a dhol an sàs ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra.”

Ann a thighinn gu bhith mar a’ cheathramh sgoil ann an Arcaibh a bhuannaich Duais Òir, dh’ath-dhaingnich Àrd-sgoil Bhaile na h-Eaglaise an dealais a thaobh spòrs, a tha air a stèidheachadh mar phrìomhachas aig Roinn an Fhoghlaim ann an Comhairle Eileanan Arcaibh.

Thuirt Carolynn, a bha ag obair ann an sgoiltean ann am Moireibh mus do thill i dhachaigh: “Tha mi an-còmhnaidh a’ gabhail iongantas mun àireamh de sgoilearan a tha airson pàirt a ghabhail ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra, san sgoil agus sa choimhearsnachd. Tha e mìorbhaileach nuair a smaoinicheas tu mu dheidhinn na tha de spòrs a’ dol air adhart agus a’ bhuaidh dheimhinneach as urrainn dha a thoirt air beatha dhaoine.

“Dhòmhsa aig Àrd-sgoil Bhaile na h-Eaglaise, bha an t-urram agam a bhith ag obair le cuid de Thosgairean Òga iongantach spòrsalba, Stiùirichean Òga agus Saor-thoilich Àrd-sgoile. Is fìor thoigh leam a bhith a’ faicinn am beachdan a thaobh spòrs ag atharrachadh agus iad a’ fàs gu bhith nan stiùirichean misneachail is neo-eisimeileach.

“Tha mi den bheachd gu bheil e cho cudromach gu bheil sealladh deimhinneach aig an ath ghinealach de choidsichean air spòrs agus gnìomhachd chorporra. Chan ann a-mhàin a’ cuimseachadh air ‘lùth-chleasaichean tàlantach’, ach cuideachd a’ frithealadh dhaoine a tha airson a bhith na lùib, cumail fallain agus os cionn gach nì, tlachd fhaotainn às na tha iad a’ com-pàirteachadh ann.

“Tha cothroman gun chrìch ann do sgoilearan agus inbhich gu com-pàirteachadh ann am measgachadh de chlubaichean agus tha goireasan iongantach againn cuideachd.”

Thuirt Seumas Wylie, àrd-stiùiriche foghlaim aig Comhairle Eileanan Arcaibh: “Tha an Duais Spòrs Sgoile air cuideachadh le cuideam a chur air cudromachd a bhith gabhail a-steach smuaintean agus beachdan dhaoine òga ann am planadh PE, spòrs agus gnìomhachd chorporra taobh a-staigh sgoiltean Arcaibh.  

“Tha ar co-òrdanaichean Sgoiltean Gnìomhach ag obair gu dlùth le luchd-obrach sgoile air an duais, air sgoiltean a chomasachadh gu meòrachadh air an cleachdaidhean làithreach agus far a bheil e riatanach, an leasachadh gu leantainneach.

“Gu traidiseanta, tha Àrd-sgoil Bhaile na h-Eaglaise air luach a chur air buannachdan spòrs agus gnìomhachd chorporra, agus mar thoradh air obrachadh tron structar Duais Spòrs Sgoile ann an co-obrachadh leis a’ cho-òrdanaiche Sgoiltean Gnìomhach, tha sgoilearan agus luchd-obrach soilleir gu bheil an suidheachadh seo air a neartachadh.

“Tha gnìomhachd a’ cur ri slàinte chorporra agus inntinn ar coimhearsnachdan. Tha e a’ toirt ar coimhearsnachdan còmhla ann an gnìomhachdan leithid Ba, slaodadh Loga Nollaig Stromness agus cupa na Paraiste a tha cuideachd a’ dèanamh cinnteach à leantainneachd ar cultair agus ar dualchais.  

“Tha spòrs a-riamh air a bhith, agus a’ leantainn air a bhith, na phàirt chudromach de bheatha ann an Arcaibh, a’ solarachadh chothroman leasachaidh do dhaoine saor-thoileach, coidsichean agus lùth-chleasaichean a thuilleadh air cothroman do dhaoine air fealla-dhà agus fois a ghabhail.”

 

Tuilleadh fiosrachaidh

Lorg cothroman spòrs ann an Arcaibh air làrach-lìn Comhairle Eileanan Arcaibh  

Faigh fiosrachadh mun Duais Spòrs Sgoile air làrach-lìn spòrsalba

Faigh a-mach barrachd mu Sgoiltean Gnìomhach air làrach-lìn spòrsalba

Spòrs Fad Beatha: geàrr-iomradh air adhartas ann an ath-sgrùdadh bliadhnail spòrsalba 2019-20.

  • Tadhail air duilleag dachaigh a’ phròiseict airson dàta a tha a’ taisbeanadh adhartas eadar   Giblean 2019 agus Màrt 2020
  • Faigh a-mach tuilleadh mu Spòrs Fad Beatha – ar ro-innleachd chorporra foillsichte ann an  2019
  • Faic ath-sgrùdaidhean bliadhnail roimhe air làrach-lìn spòrsalba.

 

 

Share links

Related Articles

Carolynn Leslie, Active Schools coordinator at Kirkwall Grammar School

Sport for life: Carolynn Leslie

Kirkwall Grammar strikes Gold with support from Active Schools

Read More
North Queensferry Primary won the School Sport award at last year's Scottish Sports Awards

Recognising class acts

Time is running out to nominate your national and local sporting heroes

Read More
North Queensferry Primary School

Every day is sports day

North Queensferry Primary scoops 2018 School Sport Award

Read More