header.jpg (1)

Spiorad Coimhearsnachd Chinn a’ Ghiùthsaich a’ Deàlradh

Trì cheud sgoilear – aon dìoghras co-roinnte aig fèis Chinn a’ Ghiùthsaich

An t-seachdain-sa chunnacas an Fhèis Spòrs dà-bhliadhnail a’ dol air adhart ann an Àrd-sgoil Chinn a’ Ghiùthsaich, a’ tabhann cothrom do chòrr air 300 sgoilear gu 23 seòrsa spòrs is gnìomhachd fheuchainn a-mach anns agus mu thimcheall a’ champais.

Thàinig Mòr-Ionad Spòrs Coimhearsnachd ionadail Bhàideanaich, High Life Highland, àrd-sgioba agus roinn Foghlam Corporra Àrd-sgoil Chinn a’ Ghiùthsaich, sgoilearan àrd-ìre agus mòran Bhuidhnean Riaghlaidh na h-Alba (SGB) còmhla o chionn dà bhliadhna gus an comharrachadh seo air spòrs a phlanadh, agus cha do leig an latha sìos sinn.

Thàinig Spòrs An Toiseach còmhla riutha a dh’fhaighinn a-mach dè tha a’ dèanamh an tachartais cho sònraichte.

Taic bhon cheannard sìos

Mar a bha an talla cruinneachaidh ann an Àrd-sgoil Chinn a’ Ghiùthsaich a’ tòiseachadh a’ lìonadh le com-pàirtichean spòrs, dh’fhàs e soilleir glè luath gur e coimhearsnachd a tha seo aig a bheil spèis mhòr do spòrs. Thugadh dà bhliadhna a’ planadh an latha seo agus bha gach neach cuimsichte air na cinn-uidhe co-roinnte aca a bhith a’ tabhann chothroman spòrs don chloinn sgoile.

Bha sgoilearan àrd-ìre ann an ÀS5 agua ÀS6 ri làimh airson taic a chumail ris na sgoilearan òga fhad ’s a bha iad a’ gabhail tlachd às na seiseanan tòiseachaidh, agus sgoilearan P7 a bha ag eadar-ghluasad don àrd-sgoil, a’ faighinn cuireadh gu pàirt a ghabhail sna gnìomhachdan agus fàs eòlach air a’ champas a bha gu bhith aca.

Thug Ollie Bray, ceannard agus tagraiche làidir às leth dhaoine òga san sgìre, tar-shealladh do na clubaichean, buidhnean riaghlaidh, sgiobaidhean leasachaidh spòrs agus tidsearan bun-sgoile a bha an làthair, air lèirsinn agus prìomhachasan na sgoile. Bha aon nì fìor shoilleir: tha spòrs is gnìomhachd chorporra math airson coileanadh, math don sgoil ach gu h-àraid math do dhaoine òga.

“Tha an sgoil a’ creidsinn gu tur gun urrainn do spòrs agus gnìomhachd chorporra buaidh fìor dheimhinneach a thoirt air coileanadh oideachail agus slàinte ar sgoilearan,” thuirt e.

"Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri Mòr-Ionad Spòrs Coimhearsnachd Bhàideanaich agus raon de chlubaichean is com-pàirtichean eile gus an tionnsgnadh gun choimeas seo a thoirt gu buil agus tuilleadh chothroman a thoirt do ar sgoilearan gu bhith an sàs ann an spòrs ionadail.”

“Bha e mìorbhaileach bùth-obrach ar com-pàirtichean a chur an gnìomh madainn an-diugh, ag ath-dhaingneachadh cudromachd a bhith a’ co-chruthachadh a’ churraicealaim agus mar as urrainn do chom-pàirteachasan cur ris na diofar chùrsaichean a tha sinn a’ tabhann san sgoil.”

Cuimse air spòrs

Dh’innis Iain MacAoidh, ceannard PE, mu cho toilichte ’s a tha an sgoil a thaobh nan ceanglaichean a chaidh a thogail mar thoradh air an tachartas ann an 2016, a chunnaic sgoilearan a’ gabhail ballrachd ann an clubaichean ionadail agus seòrsaichean ùra spòrs gan tairgsinn mar phàirt den churraicealam.  

Chuir Dòmhnall Hall, oifigear mòr-ionad spòrs coimhearsnachd aig High Life Highland, fàilte air agus thug e taing do choidsichean agus saor-thoilich a’ chluba. Chaidh Mòr-Ionad Spòrs Coimhearsnachd Bhàideanaich a chruthachadh às dèidh Fèis 2016 mar thoradh air an iarrtas agus an dìoghras sa choimhearsnachd ionadail airson spòrs, agus bha am mòr-ionad aig teis-meadhain leasachaidh is planaidh air tachartas comharrachaidh na bliadhna seo.

“Air druim an latha an-diugh, faodaidh sinn ar program curraicealaim a neartachadh le bhith a’ togail cheanglaichean leis na clubaichean sin,” thuirt Iain. "Às dèidh na Fèise o chionn dà bhliadhna, chuir sinn teanas, biathlon, sgitheadh, goilf agus bòbhladh ris a’ churraicealam. Tha còmhraidhean matha air a bhith againn an-diugh mar-thà leis a’ chlub mharcachd, agus mar sin tha sinn an dòchas gun urrainn dhuinn seo a leasachadh.”  

Dol an sàs

Chaidh na 300 sgoilear a bha an làthair tro na stàlaichean spòrs, a’ faighneachd cheistean mun spòrs aca dha na buidhnean riaghlaidh agus na clubaichean, agus a’ tadhal air bòrd High Life Highland gus aon de na hudaidhean ceannardais cliùiteach aca fhaotainn! #itsallaboutthehoody

Bha e a’ faireachdainn mar gun robh gach òirleach den sgoil air a cleachdadh airson gnìomhachdan a thaisbeanadh, bho boccia gu iòga, cuairtean airson dannsa. Anns na tallaichean a-staigh bha ball-basgaid agus lùth-chleasachd agus a-muigh air na raointean timcheall na sgoile bha seiseanan tòiseachaidh de rothaireachd, rugbaidh, hocaidh, teanas agus goilf. Bha fiù sligheadaireachd ann do na sgoilearan sin aig an robh ùidh ann an leughadh mhapaichean fheuchainn.

Bha cothrom aig gach neach an spòrs bu mhiann leotha fheuchainn agus an coidseadh tro na h-altan le saor-thoilich eòlach, luchd-obrach leasachaidh SGB agus coidsichean teisteanaichte. Bha ionad Bhàideanaich làn agus daoine a’ feuchainn a-mach sheiseanan lùth-chleasachd fo stiùireadh agus pumpa bodhaig, ag obair le cuideaman agus gu dealasach a’ cur cheistean air na h-oidean mu fhallaineachd.

Thuirt Ceitidh Wallace, ÀS4, “Tha an-diugh air a bhith na chothrom mìorbhaileach air spòrs ùr fheuchainn, tha e air a bhith làn fealla-dhà agus faireachdainn iongantach!”

Mar a bha na busaichean mu dheireadh a’ togail orra gus na sgoilearan a thoirt dhachaigh, bha an sgioba a’ meòrachadh air latha fìor mhath. Bha còmhraidhean a’ cuimseachadh air mar a bheirteadh feum à soirbheachas an latha agus sin iompachadh gu ballrachdan cluba agus ceanglaichean ùra cluba airson na sgoile.

Coimhearsnachd spòrs

Chan eil e na iongnadh gu bheil sgìre Bhàideanaich is Shrath Spè air barrachd lùth-chleasaichean Oilimpigeach is Paralimpigeach a thoradh a rèir gach ceann den àireamh-sluaigh, na àite sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte. Tha spiorad coimhearsnachd is sgioba air leth làidir ann an Cinn a’ Ghiùthsaich, tha spòrs ionadail a’ sìor shoirbheachadh agus comasach air an nì as fheàrr air a bheil e a dhèanamh, ’s e sin tarraing dhaoine còmhla.

Bha Daibhidh Mac a’ Ghobhainn a bhuannaich bonn òr airson iomradh aig Paralimpigean Lunnainn ann an 2012, a’ frithealadh na sgoile agus bha grunn eile de sgoilearan a bh’ ann roimhe soirbheachail mar Oilimpich Geamhraidh, a tha ag obair a-nis ann an gnìomhachas spòrs, a’ gabhail a-steach Anndra Freshwater (1998), Lesley McKenna (2002, 2006, 2010) agus Noel Baxter (2002, 2006).

Thuirt Dòmhnall: "B’ e tachartas fìor shoirbheachail a bh’ ann agus thaisbean e dha-rìribh nas urrainn do Mhòr-Ionad Coimhearsnachd Spòrs a choileanadh le bhith ag obair ann an com-pàirteachas gus clann sgoile a bhrosnachadh gu dhol an sàs ann an spòrs agus gnìomhachd fhiosaigeach. Bha toileachas mòr mu thimcheall na sgoile agus fhuair na sgoilearan, luchd-obrach agus na coidsichean fìor thlachd às an latha.”

Is math a rinn gach neach a bha an sàs ann an latha cho soirbheachail!  Taing do Genny Guy, sgoilear bho Àrd-sgoil Chinn a’ Ghiùthsaich, airson cead a thoirt seachad na dealbhan-camara sàr-mhath aice a chleachdadh.

Tuilleadh fiosrachaidh

Ma tha ùidh agad ann am ballrachd ann an club ionadail no tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn mu Mhòr-Ionadan Spòrs Coimhearsnachd sa Ghàidhealtachd, tadhail air làrach-lìn High Life Highland no cuir post-d gu Dòmhnall Hall.

Ceanglaichean Twitter: @HLHSport / @KingussieHigh

Coimhead suas Àrd-sgoil Chinn a’ Ghiùthsaich air Facebook.

Com-pàirtichean: Àrd-sgoil Chinn a’ Ghiùthsaich, Sgoiltean Gnìomhach, spòrsalba, Prògram Ceannardais High Life Highland, Badmanton Alba, Sligheadaireachd Alba, Club Rugbaidh na Gàidhealtachd, buidheann Boccia Caberfeidh Horizons, Club Sligheadaireachd Bhàideanaich is Shrath Spè, Club Goilf Chinn a’ Ghiùthsaich, Club Lùth-chleasachd Chinn a’ Ghiùthsaich, Club Teanas Chinn a’ Ghiùthsaich, Club Bòbhlaidh Chinn a’ Ghiùthsaich, Highland Horse Fun, Club Camanachd Chinn a’ Ghiùthsaich, An Comann Camanachd, Ionad Bhàideanaich High Life Highland, Rothaireachd Alba, Colaiste Inbhir Nis UHI, Buidheann RDA a’ Mhonaidh Ruaidh, Ruitheadairean a’ Mhonaidh Ruaidh, Ruith Pàirc an Aghaidh Mhòir.

Mu mhòr-ionadan

Tha mòr-ionadan spòrs a’ solarachadh dachaigh do spòrs. Tha iad a’ toirt còmhla clubaichean spòrs agus prìomh chom-pàirtichean ionadail a tha airson an tairgse spòrs sa choimhearsnachd a leasachadh agus fhàs. Tha iad a’ cuimseachadh air dòighean seasmhach fo stiùir na coimhearsnachd a tha a’ cur chlubaichean a dh’obair còmhla gus àrainneachdan fàilteach, blàth agus dibhearsaineach a leasachadh do spòrs.

Tha mòr-ionadan spòrs coimhearsnachd air am maoineachadh leis a’ Chrannchur Nàiseanta agus tha iad mar aon de phrìomh phrògraman spòrsalba a tha a’ cur ri dìleab, agus a’ toirt taic do chlubaichean spòrs ionadail gus an àite fhèin a choileanadh ann an siostam spòrs aig ìre chruinneil.

Share links

Related Articles

Lismore Rugby Club

Inclusion at Inch Park

How a community club in Edinburgh is changing lives through sport

Read More
Biggar Netball Club

Shooting for the stars

How one club used Clubs Open Doors Week as a platform to grow

Read More
A selection of images from Kingussie High School and Community Sport Hub

Community spirit shines

Three hundred pupils ... one shared passion for sport at Kingussie festival

Read More