Rebecca NicIlleathain

Gabhail ar pàirt

Tha Rebecca NicIlleathain a’ toirt a sgilean judo seachad don ath ghinealach

Na làithean mar judoka, cha robh Rebecca NicIlleathain a’ creidsinn ann a bhith na tàmh – agus tha i fhathast air ghluasad gus an latha an-diugh, a’ brosnachadh barrachd is barrachd dhaoine òga gu dhol an sàs ann an spòrs.  

Chuir Rebecca a cùrsa dreuchdail air bhog mar oifigear leasachaidh chloinne aig High Life Highland agus tha i a-nis na co-òrdanaiche pàirt-ùine le Sgoiltean Gnìomhach stèidhichte ann an Àrd-sgoil Cheann Loch Lìobhainn. Mar cho-òrdanaiche Sgoiltean Gnìomhach, bidh Rebecca a’ leasachadh raon de phrògraman gus an àireamh agus càileachd chothroman a mheudachadh, a tha rim faotainn le daoine òga airson a dhol an sàs ann an spòrs.

Anns a’ bhliadhna acadaimigich 2017-18, rinn sgoilearan ann an Alba 7.3 millean tadhal air seiseanan Sgoiltean Gnìomhach, meudachadh de chòrr air 6% bhon bhliadhna roimhe sin le faisg air 23,000 neach saor-thoileach a’ lìbhrigeadh ghnìomhachdan.

An ath ghinealach

Tha Rebecca, 27, a’ fuireach agus ag obair ann an Loch Abar ach tha i a’ siubhal gu cunbhalach a Ghlaschu na tìde fhèin airson taic a chur ri pròiseact soirbheachail Judo Girls Rock, air a lìbhrigeadh le Judo Alba, Spòrs Teachdail Alba agus Òigridh Alba.

Tha Rebecca ag ràdh gu bheil a h-eòlas a tha a’ sìor mheudachadh ga comasachadh air a sgilean a thoirt seachad don ath ghinealach.

Judo Girls Rock

Tha i ag ràdh: "Thòisich mi mar cho-òrdanaiche Sgoiltean Gnìomhach san Dàmhair 2018 agus tha meas mo chridhe agam air. Is ann mun sin agus Judo Girls Rock, a tha gach nì mum dheidhinn – feuchainn ri daoine a dhèanamh nas gnìomhaiche.”

Bha Judo Girls Rock aig toiseach gnothaich a’ cuideachadh nigheanan ann an sgìrean bochda* gu sòisealta ann an Glaschu agus tha Rebecca air clas ùr a thòiseachadh a-nis anns a’ Ghearasdan.

Diofar

Tha i ag ràdh cuideachd: "Tha an t-seachdain agam gu math dripeil ach tha mi a’ dèanamh an nì as fheàrr leam. Tha e mìorbhaileach a’ coimhead nigheanan òga a’ gabhail pàirt ann an spòrs a rinn a leithid de dhiofar nam bheatha fhìn – agus a-nis tha mi a’ tòiseachadh ga fhaicinn a’ dèanamh diofar nam beatha-san.

"Tha e a’ dèanamh eadar-dhealachadh mòr sna sgìrean bochda agus a’ faighinn chlann-nighean an sàs ann an judo, as dòcha aig nach biodh cothrom air sin a dhèanamh roimhe. Ach tha e mu dheidhinn barrachd na judo, tha e mu dheidhinn a bhith a’ cur spòrs san fharsaingeachd an aithne do nigheanan agus a’ taisbeanadh beatha nas fheàrr dhaibh.

"Tha mi ann an suidheachadh math airson m’ eòlas a thoirt seachad agus stiùirichean òga eile a chuideachadh air an slighe, oir tha mise air a dhol air an aon shlighe riutha.”

Tha Rebecca ag ràdh gu bheil i dealasach mu thogail air a cuid soirbheachaidh le bhith a’ cur spòrs an aithne do fiù barrachd nigheanan tarsainn nam buidhnean aice. Chaidh aithne a thoirt do a dìcheall mar choidse judo le duais Coidse Òg na Bliadhna aig Duaisean Òigridh na Bliadhna spòrsalba 2018 – urram a tha i ag ràdh a dh’fhàg i "làn mòr-iongnaidh".

Tha i ag ràdh: "Tha mi dìreach airson Judo Girls Rock a leasachadh barrachd agus fiù tuilleadh nigheanan agus chlubaichean fhaighinn an sàs ann. Tha mi a’ coimhead air adhart ris na ghabhas de dhaoine a dhèanamh gnìomhach – tha mi a’ creidsinn gun urrainn do spòrs do bheatha atharrachadh.”

* Stèidhichte air Indeacs Ioma-Bhochdainn na h-Alba (SIMD)

Faigh a-mach tuilleadh

Share links

Related Articles

Rebecca Maclean Active Schools

Playing our part

Rebecca Maclean is passing her judo skills onto the next generation

Read More
SFlaunchPeopleCatherine1.jpg

My part in the plan: Catherine Garrett

Making a positive impact on school sport in North Ayrshire for more than 30 years 

Read More
North Queensferry Primary School

Our 2018 highlights

Sport is changing lives right across Scotland

Read More