Lùth-chleasachd chathair-uilne

Gabhail ar pàirt

Tha lùth-chleasachd chathair-uilne na bhuannachd don luchd-còmhnaidh as sine agus as òige ann an Uibhist agus Barraigh

Tha gèam ùr ghinealaichean a’ dol air adhart ann an eileanan Uibhist is Bharraigh – agus canar lùth-chleasachd chathair-uilne ris.

Tha an gèam a’ toirt clann sgoile agus seann daoine còmhla gus tlachd fhaighinn à buannachdan spòrs, mar a tha air a mhìneachadh le Kevin Moireasdan, oifigear ionad spòrs coimhearsnachd aig Comhairle nan Eilean Siar.

Thuirt e: “Is e pròiseact eadar-ghinealach a th’ ann an lùth-chleasachd chathair-uilne a tha a’ cuimseachadh air daoine òga bho sgoiltean sa choimhearsnachd a’ lìbhrigeadh gheamannan is gnìomhachd chorporra gach seachdain do luchd-còmhnaidh dhachaighean cùraim sna h-eileanan.

“Thòisich e san Ògmhios 2018 mar thoradh air taic maoineachaidh bho spòrsalba tro mhaoin Go Live: Get Active.

“Às aonais taic agus eòlas àireamh de bhuidhnean beaga is mòra agus dhaoine fa leth, bhiodh e doirbh am pròiseact a chur air bhonn. B’ e an taic bho spòrsalba an t-sradag a chuir am pròiseact a dhol mòran nas tràithe na b’ urrainn dhuinn a bhith air a dhèanamh.”

Càileachd beatha nas fheàrr

Tha Kevin air a dhòigh glan gu bheil luchd-còmhnaidh agus clann air gabhail ris an sgeama agus a’ creidsinn gu bheil an dà ghinealach a’ faighinn buannachd às. Thuirt e: “Tha a’ bhuaidh air a bhith àibheiseach do luchd-còmhnaidh agus clann. Tha an luchd-còmhnaidh gu follaiseach toilichte nuair a thig a’ chlann a lìbhrigeadh nan gnìomhachdan agus tha luchd-cùraim a’ gabhail iongnadh don ìre gu bheil na h-inbhich a’ dol an sàs sna geamannan.

“Uair no dhà tha luchd-obrach air mi fhìn no tidsearan a thoirt gu aon taobh agus air iomradh nach robh sùim sam bith aig cuid den luchd-còmhnaidh sna geamannan a bhios an luchd-obrach a’ feuchainn ri ruith, ach cho luath ’s a thig a’ chlann gus lùth-chleasachd chathair-uilne a lìbhrigeadh, chan fhaigh iad an sàs sa ghnìomhachd luath gu leòr.

“Tha na buannachdan corporra is inntinneil soilleir am faicinn, tha dìreach a bhith a’ còmhradh agus a’ cluich còmhla ris a’ chloinn air càileachd beatha nas àirde a thoirt do luchd-còmhnaidh fhad ’s a tha iad a’ togail dhàimhean agus a’ gluasad barrachd gach seachdain.

“Tha an spionnadh agus an toileachas do-chreidsinneach a tha na h-inbhich a’ taisbeanadh nuair a tha a’ chlann san dachaigh-cùraim, tha iad a’ fosgladh a-mach agus tha an fheadhainn nach gabh ri eacarsaich aig àm sam bith air bhioran gus ùine a chur seachad a’ tilgeil, a’ breith air, agus a’ cluich leis a’ chloinn.”

Tha spòrs air fhighe a-steach ann an cultar is feallsanachd a dhà de na sgoiltean a tha an sàs sa ghnìomhachd, Dalabrog agus Baile Mhanaich, a choisinn le chèile Duais òir Spòrs Sgoile spòrsalba.

Spionnadh

Lean Kevin air: “Tha am brosnachadh inntinneil is corporra fìor luachmhor ann an cruthachadh càileachd beatha nas fheàrr don luchd-còmhnaidh.

“Tha na sgoiltean air aithris gu bheil clann air tilleadh don sgoil le spionnadh às ùr agus nas tairbhiche às dèidh sheiseanan agus gu bheil cuid de sgoilearan air fàs nas misneachail ann an conaltradh le inbhich agus comhaoisean tro an eòlas an lùib stiùireadh agus eadar-obrachadh aig lùth-chleasachd chathair-uilne.

“Is e sgilean stiùiridh a’ bhuannachd as fhaicsinnich a thaobh nan sgoilearan ach nì a tha air a bhith mìorbhaileach deimhinneach ’s e an co-fhaireachdainn agus an tuigse a tha iad air fhaotainn ag eadar-obrachadh le ginealach gu tur eadar-dhealaichte.

“Tha cuid den òigridh aig nach robh sean-phàrant no neach-dàimh nas sine a-riamh a’ fuireach faisg orra, agus mar sin tha e air a bhith na dhòigh dhaibh gu buill coimhearsnachd nas sine a thuigsinn. Tha aon nighean òg fiù ’s air seanmhair ‘uchd-mhacachd’ agus air tadhal oirre taobh a-muigh a’ phròiseict.”

Com-pàirteachasan làidir

Tha com-pàirteachasan làidir air a bhith deatamach do shoirbheachadh a’ phròiseict agus tha dà choidse bho Chlub ionadail Lùth-chleasachd Uibhist a Deas is Èirisgeigh (SUEAAC) aig a bheil teisteanas coidsidh lùth-chleasachd Albannach aig Ìre 2, air cuideachadh leis a’ ghnìomhachd a stèidheachadh agus a chur a dhol.

Tha lùth-chleasachd chathair-uilne air a bhith cho soirbheachail agus gu bheil planaichean ann a sgaoileadh a-mach ann an àiteachan eile. Thuirt Kevin: “Tha e a’ ruith mar-thà anns na Hearadh le planaichean air mòran sheiseanan a ruith ann an Eilean Leòdhais. Tha an t-ionad latha as motha ann an Inbhir Nis air a bhith a’ conaltradh rium a thaobh deasbad air mar a b’ urrainn dhaibh rudeigin mar sin a ruith don luchd-frithealaidh acasan.”

Faigh a-mach tuilleadh

Share links

Related Articles

Armchair athletics in Uist

Playing our part

Armchair athletics benefits old and young generations in Hebrides

Read More
The awards winners

Crowning glory

Find out who took home the prizes at the 2017 Scottish Sports Awards

Read More
North Queensferry Primary School

Our 2018 highlights

Sport is changing lives right across Scotland

Read More