YPSP SF.jpg

A’ coileanadh ar pàirt: Nicola agus Panashe

Chruthaich am pannal agus SAMH Walk and Talk gus daoine a chuideachadh gu fuireach ceangailte tron ghlasadh

Bha Nicola NicDhòmhnaill agus Panashe Muzambe 21 agus 24 bliadhna a dh’aois nuair a chaidh an Coròna-bhìoras (COVID-19) ainmeachadh mar ghalar-sgaoilte.

Coltach ri inbhich òg uile, thàinig casg air am beatha phearsanta is phroifeiseanta nuair a chaidh a’ chiad ghlasadh-sluaigh a chur an gnìomh.

B’ e aon tùs leantainneachd, ath-mhisneachaidh is cuimseachaidh aig an àm bhreisleachail seo, am ballrachd cho-roinnte ann am Pannal Spòrs Dhaoine Òga.

Mheòraich Panashe, stiùiriche ionad spòrs coimhearsnachd agus tidsear ann an trèanadh: “Bha mi dìreach air a’ chiad bhliadhna dem Mhaighstireachd a chrìochnachadh agus bha mi air mo chur air fòrladh, mar sin bha mi dha-rìribh a’ coimhead air adhart ri coinneamhan a’ Phannail Spòrs.

“Bha mòran tìde agam dhomh fhìn agus b’ e an aon àm de dh’eadar-chonaltradh sòisealta a bh’ agam tron latha air fad.”

Thuirt Nicola, a tha air ceumnachadh le ceum ann an Stiùireadh Spòrs Eadar-nàiseanta agus a tha ag obair do Scottish Sport Futures:

“Bha mi air crìoch a chur air mo chùrsa oilthighe agus bha mi a’ dèanamh beagan obrach pàirt-ùine air-loidhne, ach bha mi a’ faireachdainn rudeigin caillte agus bha a bhith air a’ phannal gam chumail dripeil ’s gam chumail a’ dol.”

Air a stiùireadh le spòrsalba le taic bho Young Scot, tha an #SportPanel air a dhealbhadh gus guth nan daoine òga air feadh Alba a riochdachadh. Tha e a’ toirt a’ chothruim do na pannalaichean air buaidh agus cumadh a thoirt air spòrs ann an Alba, còmhla ri ìomhaigh spòrs a thogail.

Bha Nicola agus Panashe a’ faireachdainn gun robh cothrom aca air taic a chur ri comhaoisean air feadh na dùthcha, gu h-àraid le bhith gan cuideachadh an slàinte inntinn a leasachadh tro ghnìomhachd chorporra. Ach cha robh e soilleir sa bhad mar a ghabhadh an teachdaireachd seo a conaltradh gu h-èifeachdach.

Mheòraich Nicola: “Aig an toiseach leum sinn air a bhith a’ coinneachadh dhùbhlain, mar tilgeil is glacadh roile-toidhleit agus bualadh ar bhasan cho tric ’s a b’ urrainn dhuinn fhad ’s a bha e fhathast san èadhar. Fhuair sinn beagan foillseachaidh mun sin air na meadhanan sòisealta.

“Aig an àm, bha sgiobaidhean nan Sgoiltean Gnìomhach, clubaichean spòrs is buidhnean riaghlaidh nàiseanta a’ cur a-mach stuthan, agus bha Joe Wicks a’ dèanamh a chuid fhèin, agus dh’fhaighnich sinn dhinn fhìn: ‘Ciamar as urrainn dhuinn rudeigin gun choimeas a dhèanamh?’ ”

B’ ann sa Chèitean a thòisich am pannal a’ dian-bheachdachadh còmhla ri Comann Slàinte Inntinn na h-Alba (SAMH) – agus le chèile smaoinich iad air dòigh anabarrach sìmplidh air an teachdaireachd a sgaoileadh air-loidhne.

Rugadh #WalkAndTalk.

Chuimhnich Panashe: “Bha sinn a’ dian-bheachdachadh mu dheidhinn na b’ urrainn dhuinn a dhèanamh, agus bha suidheachadh an dùbhlain a’ sìoladh air falbh. Mar bhuidheann, smaoinich sinn air #WalkAndTalk agus tha mi den bheachd gun do dh’aontaich sinn uile ris sa bhad.”

“B’ e beachd-smuain iongantach a bh’ ann – chan urrainn dhomh a dhìmeas air dhòigh sam bith!

"Bha e dha-rìribh cudromach do dhaoine aig an àm sin an ùine air an sgrion a ghearradh air ais, agus b’ e seo dòigh fhurasta air a dhèanamh.”

Thuirt Nicola cuideachd: “Bha cead aig daoine a dhol a-mach às an taigh airson uair a thìde gach latha, agus bha seo gu h-àraid deatamach do dhaoine a bha a’ còmhnaidh ann am flataichean as dòcha aig nach robh gàrraidhean. B’ e nì eile a bha Riaghaltas na h-Alba a’ putadh, a bhith a’ fuireach co-cheangailte ri chèile agus mar sin, bha sinn den bheachd gun robh e a’ dèanamh ciall na dhà a chur còmhla.”

“B’ e rudeigin sìmplidh a bh’ ann, agus ma bha fòn agad dh’fhaodadh seans gun robh an aon àm fois aig do charaidean aig an obair no san sgoil, agus nach robh nì a’ cur stad ort bho ghairm fòn a chur thuca fhad ’s a bha thu a-muigh air chuairt.

“Chunnaic mi daoine a’ dèanamh sin anns gach àite bho Shealtainn gu na Crìochan. Bha e comasach do cho-òrdanaichean Sgoiltean Gnìomhach cuimseachadh air daoine nach robh gar leantainn air na meadhanan sòisealta agus chruthaich sin suidheachadh soirbheachail.

“Leis an hashtag shìmplidh, sa chiad mhìos bha sinn air ar cuairteachadh le daoine ga dhèanamh, nì a bha uabhasach math.”

#WalkAndTalk

Sgaoil meas air #WalkAndTalk seachad air spòrs agus chaidh am beachd a thogail le cuid de dh’ionadan an NHS mar a thàinig buannachdan do shlàinte inntinn bho ghnìomhachd chorporra gu bhith nas aithnichte fad’ is farsaing am measg cùis-èiginn slàinte phoblaich.

Agus cha b’ e an nì mu dheireadh a rinn Nicola agus Panashe sa cheathramh earrann de #SportPanel – chaidh iarraidh orra an ùine-obrach a leudachadh trì mìosan fhad ’s a bha an còigeamh earrann ga chur ri chèile tro phròiseas trusaidh bhiortail.  

Chaidh Nicola fiù a thaghadh ri taobh Erin Gillen gus cuideachadh leis a’ ghinealach ùr de phannalaichean a stiùireadh tron ìre thràth – leis na coinneamhan uile gan cumail air-loidhne. Chuidich an t-eòlas seo le meudachadh air a misneachd a’ dol a-steach don àite-obrach – agus chaidh a fastadh gu sgiobalta gu dreuchd làn-thìde le Scottish Sports Futures a’ tòiseachadh san Ògmhios 2021.

Thuirt i: “Thug a bhith an sàs ann an dòigh dhiofraichte agus a bhith a’ planadh nithean don phannal ùr, sgilean ùra dhomh leithid co-òrdanachadh agus stiùireadh, a chuidich gu mòr nuair a bha mi a’ tagradh airson obraichean.”

Mheòraich Panashe a rugadh ann an Zimbabwe, agus aig a bheil an àrd-chliù a bhith mar a’ chiad bhoireannach dhubh a’ riochdachadh Alba san rugbaidh: “Nuair a thòisich mi air a’ phannal, bha fios agam gun robh e gu bhith doirbh gach nì a chothromachadh le bhith air greis-gnìomhachais, oilthigh agus rugbaidh.

“A-nis, tha mi nam shuidhe air an taobh eile a’ faireachdainn ìre àrd de phròis gun robh mi comasach air faighinn troimhe – ach chan fhaigh thu tro nithean mar sin leat fhèin.

“Is e an lìonra taic agus a bhith a’ coimhead air adhart ri conaltradh ri daoine air-loidhne gun smaoineachadh air nì sam bith eile, agus nithean mar #WalkAndTalk, tha na nithean beaga sin uile a’ tighinn còmhla gus cur ris an t-soirbheachadh sin aig deireadh an latha.”

Share links

Related Articles

Sport First collage 2.jpg

Playing our part in 2021

How Scotland's sporting system played its part during the pandemic

Read More
Paige Boyle

#SportPanel focus

Paige from the Young People's Sport Panel shares her thoughts on the value of friendship in sport 

Read More
Scottish Cycling Young People's Panel

Panel power

Meet cycling's young leaders

Read More